Ùr-fhiosrachadh mun phròiseact – 5 Giblean 2016

Brodick Updates April16a

  1. Crann cràlaidh 100T a’ cuideachadh le ullachadh air Ìre 2 den Raon Mharasglaidh Shealach
  2. Crann cràlaidh 100T 180 T air Bàrc ag obair air a’ Chidhe Shealach an Ear
  3. Deic Cidhe Sealach an Ear crìochnaichte. Staidhre ruigheachd shealach bhon Chidhe gu eitean creige an Ath-dhaingneachaidh an Ear.
  4. Balla Poidhle Brait agus dìon concrait taobh a deas den chidhe shealach an ear gus in-lìonadh a cheadachadh ris a’ chidhe.
  5. Thòisich an Grete Fighter air obair dreidsearachd air 31/3, a’ cur dhith luchdan air cidhe sealach agus tasgadh stuth air a dhreidseadh ann am prìomh raon in-lìonaidh Ath-dhaingneachadh an Ear. Poidhleadh le crann fad-ruigheachd 180T.
  6. Tòiseachadh air dòrtadh uachdar concrait air rathad Ruigsinneachd Sealach an Ath-dhaingneachaidh an Iar bhon chabhsair gu an raon marasglaidh a th’ ann.

Thòisich ar prìomh chunnradair, George Leslie Eta, air obair air Port-aiseig Bhreadhaig air Diluain 11mh Faoilleach 2016. Mar a chaidh a thoirt fa-near aig coinneamh phoblach air 3mh Dùbhlachd 2015, tha an obair ga liubhairt ann an còig ìrean stiùiridh trafaig eadar-dhealaichte. Tha am pròiseact a-nis a’ teannadh ris a’ chiad chloich-mhìle a bheir buaidh air luchd-cleachdaidh na h-àiseig – an iomlaid bho Stiùireadh Trafaig Ìre 1 gu Ìre 2.


Ùr-fhiosrachadh mu Stiùireadh Trafaig Ìre 1

Cha do dh’atharraich seirbheisean bus agus aiseig aig na goireasan a th’ ann a-cheana air feadh na h-ìre seo.

Thathar air obair ana-mhòr ri taobh a’ chladaich a ghabhail os làimh, a’ gabhail a-steach togail air an raon ath-bhuannachd ‘eitean creige’ agus ‘caithbheart dàrna creige’, a’ cleachdadh stuth air a thoirt à cuaraidh ionadail air Eilean Arainn. Bha an obair deatamach gus cothrom a thoirt air na raointean ath-dhaingneachaidh an iar agus an ear a bhith air an dìon bho na h-eileamaidean, agus ceadachadh do stuth in-lìonaidh bhon obair dreidsidh ri thighinn, a bhith air a thasgadh. Tha trì cladhachairean mòra air a bhith an sàs anns an obair thar nan deich seachdainean a dh’fhalbh.

Cheadaich an obair thràth seo don uidheam as motha gu ruige seo, an ‘crann cràlaidh’ 180 tonna agus 55m a dh’àird, a thighinn air bàrc aig deireadh a’ Ghearrain, a chaidh a chleachdadh airson poidhlichean sealach agus maireannach a stèidheachadh airson obair a’ chidhe.

Tha cidhe sealach air a thogail airson stuthan mòra togail a thoirt air tìr agus timcheall air 12,000 meatair ciùbach de stuth air a dhreidseadh airson a chleachdadh mar an in-lìonadh ath-bhuannachd. Ràinig am bàta dreidsidh, an MV GRETE FIGHTER, Breadhaig air Dimàirt 29mh Màrt 2016.

Tha dàrna crann cràlaidh, de chomas 100 tonna agus 46 meatair a dh’àird, air ruighinn cuideachd agus thathar air a chur an gnìomh sa chiad àite gus ceadachadh don 2na obair poidhlidh leantainn air adhart le togail air a’ chidhe agus am balla glèidhidh ùr. Bidh e air a chleachdadh airson stàlachadh air am ‘prìomh chaithbheart creige’ a thòisichear a’ liubhairt às an Fhùirneis air an t-soitheach an MV BURHOU ann am meadhan a’ Ghiblein..


Iomlaid air Stiùireadh Trafaig Ìre 1 gu Ìre 2

A dh’aindeoin suidheachadh aimsire a bha dùbhlanach, tha George Leslie Eta air adhartas math a dhèanamh agus tha iad a-nis a’ teannadh ri Ìre 2, far an atharraich trafaig an aiseig gu raon marasglaidh sealach. Tòisichidh Ìre 2 san t-seachdain a’ tòiseachadh Diluain 11mh Giblean 2016 agus mairidh e gu timcheall air toiseach an Lùnastail 2016.

Tha am mion-fhiosrachadh mun iomlaid bho Ìre 1 gu Ìre 2 air an aontachadh agus air an crìochnachadh a’ leantainn air co-chomhairle farsaing na sgioba togail le CalMac Ferries Eta (CalMac) agus Stagecoach, ann an co-bhonn le Com-pàirteachas Shrath Chluaidh airson Còmhdhail agus Comhairle Siorrachd Inbhir Àir a Tuath.

Bidh ùine ghoirid eadar-ghluasaid ag obrachadh bho Dhiluain 11 Giblean gu Dihaoine 15 Giblean 2016. Ceadaichidh seo dha CalMac a dhèanamh cinnteach gu bheil na siostaman uile ag obair mar bu chòir.

Leanaidh na seirbheisean bus uile a’ cleachdadh nan standan bus a th’ ann air feadh Ìre 2.


Cruth Port-aiseig Ìre 2

Bidh CalMac a’ comhairleachadh luchd-siubhail mu fhiosrachadh siubhail sònraichte sam bith. Ach, bidh luchd-obrach a bharrachd ri làimh gus luchd-siubhail a chuideachadh tron chiad eadar-ghluasad. Bu chòir a thoirt fa-near gum bu chòir luchd-siubhail aig a bheil feum air cuideachadh fios a chur gu CalMac no Stagecoach san dòigh àbhaisteach.

Tha na dealbhan gu h-ìosal a’ taisbeanadh thar-shealladh air cruthan nan Ìrean 1 agus 2 a tha san amharc. Mar a chithear, fuirichidh an togalach-uidhe a th’ ann fosgailte agus làn obrachail tro Ìre 2, ach airson luchd-siubhail a chuideachadh, bidh oifis thiogaidean agus taigh-beag a bharrachd do chiorramaich air an solarachadh san raon mharasglaidh shealach.

Bidh ruigsinneachd do luchd-coiseachd air na stanndan bus agus an togalach-uidhe a th’ ann gun atharrachadh ann an Ìre 2, ged a bhios slighe-coiseachd ùr do luchd-coiseachd air a chur suas sìos taobh tuath Rathad na Margaid, a’ leantainn bhon raon marasglaidh shealach gu an togalach-uidhe a th’ ann agus a’ chidhe.

Bidh carbadan aiseig a’ cleachdadh raon marasglaidh shealach an ear air an raon marsglaidh a th’ ann a-cheana bhon t-seachdain a’ tòiseachadh Diluain 11 Giblean. Bidh slighe ùr a-steach do charbadan bho Rathad na Margaid gu an raon marasglaidh shealach ag obair san t-seachdain sin, leis an t-slighe a-steach a th’ ann dùinte do charbadan.

Bidh soidhneachd agus comarran rathaid iomchaidh air an stèidheachadh don trafaig aiseig uile a’ tighinn dheth agus a’ dol air, agus do luchd-cleachdaidh Rathad na Margaid. Gabhaidh seo a-steach comaran bogsa crois-saitse buidhe air Rathad na Margaid gus cuideachadh le sàbhailteachd agus obraichean stiùiridh trafaig.

Bidh dà bheàrn sa phàirc chàraichean geàrr-ama mu choinneamh an togalaich-uidhe a th’ ann, air an atharrachadh gu beàrnan do chiorramaich agus bidh an soidhneachd “LEIGEIL DHETH A-MHÀIN” air beulaibh an togalach Fiosrachaidh Turasachd air ath-pheantadh.

Tha sinn glè thaingeil airson tuigse agus foighidinn leantainneach a’ phobaill tron phròiseact seo. Airson sàbhailteachd, bu chòir do luchd-siubhail agus sealbhadairean chàraichean a tha a’ cleachdadh nan goireasan, cumail ri stiùireadh air a sholarachadh le companaidhean aiseig agus bus.

Tha Ath-leasachadh Port-aiseig Bhreadhaig gu bhith crìochnaichte san Lùnastal 2017.


Cuiribh fios gu

Cùisean obrachail: Aiseagan – CalMac Ferries Ltd: enquiries@calmac.co.uk

Busaichean – Stagecoach Eilean Arainn: Fònaibh 01770 302000

Airson cùisean togail, cuiribh fios gu:

George Leslie Eta: mail@georgeleslie.co.uk

CMAL: operations@cmassets.co.uk

 

 

Ath-leasachadh Port-aiseig Bhreadhaig – coinneamh phoblach Cheistean is Fhreagairtean – 3 Dùbhlachd 2015

Ceistean / beachdan air an togail aig coinneamh phoblach CMAL a thaobh ath-leasachaidh air Port-aiseig Bhreadhaig

Luchdaich sìos am PDF le gliogadh an seo (PDF, 1.7mb)

 

Ùr-fhiosrachadh pròiseict – 4 Samhain 2015

Tha sinn air cunnradair fhastadh a ghabhas os làimh ullachadh deatamach aig Port-aiseig Bhreadhaig, mus tòisichear air a’ phrìomh phròiseact ath-leasachaidh.  Tha an obair sin ri tòiseachadh air Diluain 9mh Samhain 2015 agus tha e air a phrògramadh maireachdainn dà sheachdain.

Mar thoradh air an obair sin, bidh na raointean parcaidh dùinte bhon chiad sheachdain den t-Samhain 2015.  Feumaidh carbadan uile a bhith air an toirt air falbh bhon raon seo gun a bhith nas fhadalaich na Dihaoine 6 Samhain 2015.  Bidh luchd-obrach port CalMac Ferries Eta a’ stiùireadh an dùnaidh air na pàircean chàraichean agus bhiodh sinn fada an comain cuideachaidh le gèilleadh do na h-iarrtasan sin.

Tha an obair ullachaidh airson Glùineach Iapànach a thoirt air falbh, a tha na ghnè sgaoilteach nach urrainnear fhàgail fo thogalaichean ùra. Bidh an obair an lùib cladhach aig na dhà no trì làraichean de Ghlùineach Iapànach air a bheil aithne, agus an uair sin co-ghlacadh a’ leantainn sin san àite a tha an-dràsta na phàirc chàraichean. Tha sinn air a bhith a’ frasadh a’ Ghlùinich Iapànaich thar nam beagan bhliadhnaichean a dh’ fhalbh, a tha air an uiread ri cho-ghlacadh a lùghdachadh gu mòr ach chan eil e air cur às dha gu tur.

Cunnradh £22.2 millean air a bhuileachadh

Ùr-fhiosrachadh pròiseict – 3 Samhain 2015

Tha sinn air a’ chunnradh airson am port-aiseig ann am Breadhaig a chruth-atharrachadh a bhuileachadh air George Leslie Earranta, stèidhichte ann an Glaschu. Tha an cunnradh luach còrr air £22.2 millean agus tha e na phàirt de prìomh inbheisteadh timcheall air £30 millean.  Tha an obair gu bhith a’ tòiseachadh sa gheamhradh seo agus a’ crìochnachadh tràth ann an 2017.

Chaidh a’ mhòr-chuid den ghoireas a th’ ann a-cheana a thogail tràth sna 1970an agus ged a tha sinn air obair ùrachaidh agus cumail suas a choileanadh thar nam bliadhnaichean, tha am bun-structar a-nis a’ ruighinn deireadh a bheatha obrach. Tha e sàbhailte a chleachdadh gu làithreach, ach tha mòran chuibhreachaidhean an lùib pàirtean den chidhe mar thoradh air aois agus staid.  Tha obair air ath-leasachadh a’ phuirt-aiseig a’ gabhail a-steach cidhe ùr, raon marasglaidh meudaichte tro fhearann air ath-bhuannachd agus togalach-uidhe nuadh-aimsireil le stanndan bhusaichean agus goireasan parcaidh.

Thèid an obair air Siostam Ruigheachd Luchd-siubhail a tha luach £2 millean, a-mach gu tairgse fa leth ach bidh e crìochnaichte an taobh a-staigh an raoin-ama cheudna.

Bidh coinneamhan poblach air an cumail air Eilean Arainn fhad ’s a bhios an obair a’ dol, leis a’ chiad choinneamh gu bhith a’ gabhail àite aig deireadh na Samhna 2015.

Thuirt Derek MacAoidh, Ministear Còmhdhail is Eileanan:

“Bheir an t-ùrachadh air caladh Bhreadhaig buannachdan mòra gu luchd-cleachdaidh an aiseig. A thuilleadh air a bhith a’ solarachadh eòlas nas fheàrr do luchd-siubhail le togalach-uidhe ùr, neartaichidh e fulangas a’ phuirt le bhith a’ ceadachadh raon nas fharsainge de shoithichean a chleachdadh. Tha seo gu h-àraid cudromach fhad ’s a tha sinn a’ planadh mu choinneamh an ama ri teachd airson seirbheisean aiseig Chluaidh agus Innse Gall agus a’ coimhead ri cabhlach a’ Chosta an Iar ath-ùrachadh”.

Thuirt Ramsay Muirhead, Ceannard Innleadaireachd Togail:

“Tha bun-structar a’ puirt-aiseig ann am Breadhaig a-nis a’ teannadh ri deireadh a bheatha obrach agus bheir am pròiseact cruth-atharrachadh air a’ chaladh. Bheir an togalach-uidhe ùr leasachadh air modh-siubhail an luchd-siubhail”.

Thuirt Martin Dorchester, Stiùiriche CalMac Eta:

“Tha sinn a’ cur fàilte air inbheisteadh sam bith ann an goireasan a’ phuirt agus a’ chaladh a tha CMAL a’ solarachadh airson ar cleachdaidh agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris an obair a bhith crìochnaichte.”

Sanas gu Luchd-ùidh

HP/102/300/14

A Neach-ùidh Pròiseict chòir

Tha Buidheann Ath-leasachaidh Caladh Bhreadhaig toilichte ainmeachadh gu bheil Stòras Mara Chailleannach Eta (CMAL) air tairgse a chur a-mach airson obair Ath-leasachaidh Caladh Bhreadhaig air 19 Dùbhlachd 2014.  Chaidh an tairgse a chur gu sia cunnradairean a chaidh tron a’ phròiseas ro-theisteanais, agus tha e ri thilleadh aig deireadh a’ Mhàirt 2015.

Le ùmhlachd don mheasadh air tairgsean a gheibhear agus daingneachadh deireannach air maoineachadh, thathar a’ sùileachadh ris a’ chunnradh a bhuileachadh aig toiseach a’ Chèitein 2015 mar a chaidh a phlanadh.  Cheadaicheadh seo an uair sin don phròiseact timcheall air còig mìosan deug tòiseachadh air an làraich san Ògmhios/Iuchair 2015.

Mar ath-chuimhneachan, tha Buidheann Ath-leasachaidh Caladh Bhreadhaig air a dhèanamh suas à Comhairle Siorrachadh Inbhir Àir a Tuath, CMAL, Còmhdhail Alba, Tadhal Arainn agus Blasad Arainn.  Tha am buidheann air a bhith gu h-iomlan an sàs ann am faotainn maoineachaidh bho Chomhairle Siorrachd Inbhir Àir a Tuath agus SPT, gus a dhol le maoineachadh bho Chòmhdhail Alba agus CMAL, a’ ceadachadh don phròiseact adhartachadh ann an aon ìre.

Bheir am pròiseact buannachd eaconamach chudromach chun an Eilein còmhla ris a’ bhuileachadh o chionn ghoirid air Cosgais Co-ionann ri Rathad (RET).  Leanaidh Buidheann Ath-leasachaidh Caladh Bhreadhaig air adhart ag obair leis a’ choimhearsnachd ionadail agus le gnothachasan gus a dhèanamh cinnteach gu bheilear a’ toirt an fheum as fheàrr às na buannachdan sin, agus choinnich iad o chionn ghoirid airson beachdachadh air eadar-theachdan leasachaidh eaconamach nas fharsainge air an eilean.

Ath-leasachadh Port-aiseig Bhreadhaig

Chaidh an obair ullachaidh air an làraich airson an ath-leasachaidh air a’ phort-aiseig a chrìochnachadh gu soirbheachail san Lùnastal 2014, a tha air ceadachadh don deilbh air bun-stèidh an togalaich-ùidhe agus a’ chidhe a dhol air adhart. Gu làithreach, tha deilbh an togalaich-uidhe agus mòran phàirtean den deilbh air an fhearann mun cuairt, gu ìre mhòr crìochnaichte. Aon uair ’s gum bi an deilbh crìochnaichte, cuirear làn phasgan tairgse ri chèile le sùil air na tairgsean a chur a-mach san Dùbhlachd 2014.  Thathar den bheachd an uair sin gum bi an cunnradh togail air a bhuileachadh aig deireadh an earraich 2015, leis an togail 15 mìosan a’ tòiseachadh san t-samhradh 2015

Ath-leasachadh Port-aiseig Bhreadhaig – Obair Sgrùdaidh air Talamh

A thuilleadh air an ùr-fhiosrachadh o chionn ghoirid a thaobh an Sgrùdaidh Talmhainn aig Breadhaig, tha CMAL toilichte a dhaingneachadh gu bheil Fugro Seacore a’ planadh air am bàrc fleòdraidh aca a chur a dhol gu Breadhaig air Diluain 21 Iuchar. Aon uair ’s gum bi i air an làraich, tòisichidh iad air an obair aca sa bhad agus bidh iad an dòchas a bhith crìochnaichte an taobh a-staigh seachd seachdainean. Tha fios gu maraichean air a dhol a-mach mu dheidhinn na h-obrach agus tha lethbhreac ri fhaotainn gu h-ìosal airson fiosrachaidh dhuibh.

Ath-leasachadh Port-aiseig Bhreadhaig – Obair Sgrùdaidh air Talamh

8 Iuchar 2014

Tha CMAL toilichte ainmeachadh gu bheil an cunnradh air a bhuileachadh air Fugro Seacore airson an obair sgrùdaidh talmhainn aig Breadhaig a chrìochnachadh. Bidh iad a’ cur a dhol bàrc fleòdraidh airson tuill sgrùdaidh a dhriligeadh mu choinneamh an ath-leasachaidh air a’ phort-aiseig. Tha an fhìor cheann-latha tòiseachaidh aig Fugro Seacore ri dhaingneachadh fhathast, ach tha coltas gum bi e aig meadhan gu deireadh an Iuchair, leis a’ phrògram aca airson na h-obrach aig seachd seachdainean air an làraich. Sgaoilidh CMAL fios gu maraichean aon uair ’s gum bi am fiosrachadh deireannach mun obair air a dhaingneachadh.

Tha an obair deilbh air a’ phròiseact ag adhartachadh gu math agus tha ailtire a’ phròiseict air a’ bhidio luath ath-ùrachadh, a tha a-nis ri fhaotainn gu h-ìosal.

Ath-leasachadh Port-aiseig Bhreadhaig

3 Iuchar 2014

Tha an deilbh mhionaideach air pròiseact Ath-leasachaidh Port-aiseig Bhreadhaig a’ dol air adhart gu math. Tha na h-ailtirean againn, Archial NORR, air barrachd leasachaidh a dhèanamh air a’ bhidio “luath” mun phort-aiseig a tha san amharc, a lorgar tron cheangal gu h-ìosal. Tha a’ bhidio a’ riochdachadh nan ath-thriallan mu dheireadh air an obair deilbh, ged bu chòir a thoirt fa-near nach eil seo fhathast deireannach.

Ath-leasachadh Port-aiseig Bhreadhaig

19 Ògmhios 2014

Tha an deilbh mhionaideach air pròiseact ath-leasachaidh a’ phuirt-aiseig a’ dol air adhart gu math, le mòran phàirtean dheth faisg air a bhith crìochnaichte. Tha CMAL misneachail mu adhartachadh na h-obrach mar aon phròiseact seach mar leasachadh ann an ìrean, a lùghdaicheas gu mòr an troimh-chèile ann an obair a’ phuirt-aiseig, agus cosgais iomlan a’ phròiseict. Mar thoradh air an seo, tha CMAL dòchasach a bhith comasach a dh’aithghearr air àireamh de chom-pàirtichean maoineachaidh ainmeachadh airson a’ phròiseict.

Tha crìoch air an sgrùdadh talmhainn na thrioblaid fhathast, oir a’ leantainn air dàilean aig an toiseach mar gheall air aimsir agus duilgheadasan teicnigeach, bha aig a’ bhàrc an uair sin ris an làrach fhàgail mar thoradh air cùisean teicnigeach eile.  Tha CMAL gu gnìomhach an sàs ann am faighinn an obair sgrùdaidh talmhainn air ais air an làraich aig a’ chiad chothrom.

Gu mì-fhortanach, tha am fiosrachadh a thathar a’ tional mar phàirt den sgrùdadh talmhainn, deatamach do chrìoch air prìomh nithean deilbh, nach urrainnear a chur a-mach gu tairgse às an aonais. Mar thoradh air an sin, tha am prògram iomlan airson na h-obrach air a dhol air ais beagan mhìosan. Thathar an dòchas gun gabh am pròiseas tairgse a thòiseachadh sa mhìos a tha a’ tighinn, a’ coimhead ri togail a chur a dhol air an làraich as t-earrach/as t-samhradh 2015.

Ath-leasachadh Bhreadhaig – Sgrìobhainnean HRO

11 Giblean 2014

Tha CMAL toilichte innse dhuibh gum bi Òrdugh Ath-sgrùdadh Calaidh (HRO) do bheilear a’ tairgsinn mar phàirt de dh’obair Ath-leasachaidh Port-aiseig Bhreadhaig, air a chur a-steach gu foirmeil gu Còmhdhail Alba air Dihaoine 11 Giblean 2014.  Tha am pròiseas ag iarraidh gun cuir CMAL a-steach an HRO gu na comhairlichean reachdail uile (’s e sin – SEPA, SNH, Comhairle Siorrachd Inbvhir Àir a Tuath) agus sgrìobhainnean HRO a bhith rim faotainn airson sgrùdadh leis a’ phoball. Fuirichidh an co-chomhairleachadh seo fosgailte airson ùine de 42 latha (gu 23 Cèitean 2014), agus feumaidh riochdachaidhean sam bith (taiceil no air a chaochladh) a bhith air an cur gu Còmhdhail Alba rè an ama seo (tha mion-fhiosrachadh air a ghabhail a-steach ann an sgrìobhainnean HRO).

Tha na sgrìobhainnean uile rim faotainn airson an luchdachadh sìos le bhith a’ gliogadh an seo no air gach aon ceangal fa leth, gu h-ìosal:

 

Ath-leasachadh Port-aiseig Bhreadhaig – Sgrùdadh Talmhainn

27 Màrt 2014

Mar phàirt de phròiseact Ath-leasachaidh Port-aiseig Bhreadhaig, bhuilich CMAL an cunnradh airson Sgrùdadh Talmhainn air Structural Soils Eta.  Bidh a’ mhòr-chuid den obair sgrùdaidh air a ghabhail os làimh bho bhàrc “fleòdraidh” a bhios suidhichte aig diofar làraichean ann am bàgh Bhreadhaig. Bha na gèiltean agus an droch mhuir bho dheireadh an Fhaoillich troimhe gu tràth sa Mhàrt a’ ciallachadh nach robh e sàbhailte gu leòr am bàrc a thobhaigeadh gu Breadhaig.  Gu mì-fhortanach, aig a’ chiad chothrom a thaobh aimsir, bha nì teicnigeach ceàrr air a’ bhàrc. Tha Structural Soils gu làithreach ag obair air a’ chùis theicnigeach seo a chur ceart agus tha iad an dòchas gum bi am bàrc deiseil airson a tobhaigeadh a Bhreadhaig ann an ùine nach bi fada.

Bidh buaidh aig an dàil anns an obair Sgrùdaidh Talmhainn air prògram iomlan a’ phròiseict ach chan eil fios fhathast dè cho mhòr ’s a bhios sin. Tha sgioba deilbh CMAL fhathast ag adhartachadh na tha comasach dhaibh de thaobhan eile den deilbh, agus thathar an dòchas ùine sam bith a chailleadh air a’ phròiseact iomlan, a lùghdachadh.

Taisbeanadh Ath-leasachadh Port-aiseig Bhreadhaig

Dimàirt 7 Cèitean 2013

Gliogaibh air a’ cheangal airson an taisbeanadh air Ath-leasachadh Port-aiseig Bhreadhaig a luchdachadh sìos, bhon choinneamh phoblach mu dheireadh againn air Dimàirt 7 Cèitean 2013.

 

Taisbeanadh Bhreadhaig

Diluain 3 Dùbhlachd 2012

Gliogaibh an seo airson an taisbeanadh fhaicinn, air a thaisbeanadh ann am Breadhaig.