Our Board

Mòrag NicNeill
Stiùiriche Neo-ghnìomhach
Is e neach-lagha teisteanaichte a th’ ann am Mòrag NicNèill le còrr air 35 bliadhna de dh’eòlas mar neach-lagha corporra. Bha i na h-àrd chom-pàirtiche ann an companaidh McGrigors LLP (a-nis pàirt de Pinsent Masons LLP) agus mu dheireadh, mar Neach-tagraidh Coitcheann aig Forth Ports plc. Tha eòlas farsaing aig Mòrag ann an roinn nam puirt agus nan calaidhean le cùl-eòlas làidir ann an riaghladh corporra. Is i an t-Iar-Chathraiche air Bòrd Calaidh Obar Dheathain, Iar-Chathraiche air Inbheisteadh Sòisealta Alba, Iar-Chathraiche Oilthigh Heriot-Watt agus Cathraiche Acadamaidh Dhùn Èideann. Tha Mòrag cuideachd na ball de bhòrd-stiùiridh Campas Thachartasan Earranta na h-Alba, aig a bheil seilbh air agus a tha a’ ruith SSE Hydro, agus FARE Alba, carthannas a tha stèidhichte ann an Easterhouse.

Kevin Hobbs
Àrd-Oifigear
Thàinig Kevin gu CMAL sa Ghiblean 2016, a’ toirt leis 30 bliadhna de dh’eòlas ann an gnìomhachasan calaidh, logastachd mara agus loingeis. Mar stiùiriche air Port Milford Haven, prìomh phort san RA a bhios a’ làimhseachadh còrr air 30 millean tonna de chargu gach bliadhna, bha e cunntachail airson stiùireadh malairteach agus obrachail. Eadar 2008 agus 2011, bha Kevin ag obair mar chomhairliche speisealach, a’ solarachadh comhairle fhiosrachail do luchd-dèiligidh mara agus loingeis, a’ gabhail a-steach Companaidh Port Bhaile Átha Cliath, Puirt Peel agus Loidhne Stena. Ann an 1996, chuir e air bhonn Buidheann Aiseagan Seatruck, seirbheis aiseig Chuan na h-Èireann a’ sònrachadh ann am bathar, a stiùir e bhon fhìor thoiseach gu bhith na ghnothachas prothaideach. Mar CEO agus àrd-stiùiriche, bha e a’ coimhead thairis air fòilio inbheistidh de ochd aiseagan bathair ùr-thogte agus còig aiseagan ro-ùghdaraichte.

Fraoch NicFhearghais
Stiùiriche Ionmhais
Chaidh Fraoch NicFhearghais fhastadh mar Stiùiriche Ionmhais san t-Samhain 2020. Tha roinn làidir ionmhasail aig Fraoch, air a gleusadh tro 30 bliadhna de dh’eòlas anns an raon phrìobhaideach agus san roinn neo-phrothaideach. Mus tàinig i gu CMAL, bha Fraoch ag obair ann an Colaiste Rìoghail nan Lighichean is Lannsairean ann an Glaschu, far na chuir i seachad sia bliadhna a’ stiùireadh na ro-innleachd ionmhasail aca, a bha a’ gabhail a-steach sgioba IT a thogail agus ath-nuadhachadh toinnte thogalaichean a stiùireadh. Ron seo, bha i ag obair aig Cobhair Naoimh Anndra airson naoi bliadhna, ag ùrachadh an siostaman agus a’ meadhanachadh phròiseasan cunntasachd. Tha i air a bhith a’ stiùireadh carthannas, dreuchdan Urrasair air a bhith aice, agus tha i dìoghrasach mu leasachadh beatha do shluagh na h-Alba. Tha Fraoch na Co-phàirtiche de Chomann nan Cunntasairean-Cairte Clàraichte.

Jim MacAnndrais
Stiùiriche Shoithichean
Chaidh Jim fhastadh mar Stiùiriche Shoithichean sa Ghiblean 2016. Is e Innleadair Cairte a th’ ann an Jim; Co-phàirtiche de Institiùd Rìoghail nan Ailtirean Mara, Institiùd na h-Innleadaireachd Mara, Saidheans is Teicneòlais agus an Institiùd Innleadaireachd is Teicneòlais. Tha còrr air 35 bliadhna de dh’eòlas aig Jim ann an gnìomhachas na mara; ag obair ann an dreuchdan àrd-stiùiridh do luchd-togail shoithichean, luchd-seilbh shoithichean agus comhairlichean dealbhaidh.

Ramsay Muirhead
Stiùiriche Bun-structar Chalaidhean is Planaidh
Chaidh Ramsay fhastadh mar Stiùiriche Bun-structar Chalaidhean is Planaidh san Dàmhair 2019. Tha còrr air 20 bliadhna de dh’eòlas aige ann an raon farsaing de chuspairean innleadaireachd agus thàinig e gu CMAL ann an 2009 mar Innleadair Togail. Ann an 2012, ghabh e dreuchd mar Cheannard Innleadaireachd Togail, le uallach airson coimhead thairis air liubhairt phròiseactan CMAL an lùib gleidheadh agus bun-structar chalaidhean. Is e Innleadair Togail Cairte a th’ ann an Ramsay agus tha e na Bhall de Institiùd nan Innleadairean Togail; Manaidsear Cairte agus Ball den Institiùd Stiùiridh Cairte; agus Co-phàirtiche Institiùd nan Innleadairean is Saoir-luinge ann an Alba.

Pòl Croucher
Stiùiriche Neo-ghnìomhach
Tha teisteanas MBA aig Pòl Croucher ann am Bancadh agus Ionmhas agus chaidh a thaghadh mar Cho-phàirtiche de Institiùd Sheirbheisean Bancaidh is Ionmhais ann an 2009. Tha eòlas ceannardais aig Pòl san roinn phrìobhaidich ann am bancadh corporra, le dreuchdan aige roimhe mar stiùiriche roinnean aig Buidheann Bancaidh Lloyds, Banca Rìoghail na h-Alba agus BNP Paribas. Tha àireamh de dhreuchdan stiùiridh neo-ghnìomhach air a bhith aig Pòl, le dreuchdan làithreach a’ gabhail a-steach Companaidh (aiseig) Pacaid Smùid Eilean Mhanainn, far a bheil e na riochdaire do luchd-earrannan, agus tha e mar Bhall Bùird agus Cathraiche Ionmhais air urras foghlaim ioma-acadamaidh ann an Sasainn.

Greum Wood
Stiùiriche Neo-ghnìomhach
Is e innleadair mara teisteanaichte a th’ ann an Greum le còrr air 35 bliadhna de dh’eòlas ag obair ann an gnothachasan mara agus ola is gas, le cuimse air stiùireadh is obrachadh shoithichean. Tha e air frithealadh ann an raon de dhreuchdan stiùiriche gnìomha agus neo-ghnìomha airson còrr air 14 bliadhna ann an diofar bhuidhnean, bho iomairtean ann an seilbh teaghlaich gu buidhnean ioma-nàiseanta. Tha e na cho-phàirtiche de Institiùd nan Stiùirichean, na Stiùiriche Cairte, agus na bhall den Institiùd Innleadaireachd Mara, Saidheans is Teicneòlais.

Murchadh MacIllinnein
Stiùiriche Neo-Ghnìomha
Chaidh Murchadh MacIllinnein fhastadh mar Stiùiriche Neo-Ghnìomha gu Bòrd-stiùiridh CMAL air 1 Dàmhair 2022.
Am measg nan dreuchdan Ministrealach a bha aige roimhe, tha Maoin Fearainn na h-Alba, Bòrd Slainte nan Eilean Siar san dà chuid dreuchdan Gnìomha is Neo-Ghnìomha, Bòrd na Gàidhlig, Coimisean nan Croitearan agus an uair sin air a thaghadh gu Coimisean na Croitearachd a lean, mar Choimiseanair do na h-Eileanan an Iar. Tha Mgr MacIllinnein a’ toirt leis saidhbhreas de dh’eòlas le ùidh shònraichte ann an raointean Cunntachalachd Bùird, Riaghladh, Sgrùdadh is Ionmhas agus Solar Poblach, an dèidh a bhith na chathraiche air prìomh chomataidhean sna raointean sin air Bùird-stiùiridh eile. A thuilleadh air sin, tha dreuchd Siorramachd aige do Phannal Ath-thagraidh Luachadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.
Bha dreuchdan aige roimhe mar Chathraiche Com-pàirteachas Foghlaim/Gnothachais nan Eilean Siar agus Tigheann Innse Gall (comann taigheadais) agus Iar-chathraiche Dachaigh is Ospais Bethesda ann an Steòrnabhagh.
Tha Mgr MacIllinneina tha às na h-eileanan agus stèidhichte san Rubha taobh a-muigh Steòrnabhaigh, gnìomhach na chroitear ann an Leòdhas agus na Hearadh, a’ toirt sealladh làidir creidsinneach mu chuspairean eileananch do fhòraman nàiseanta.