Tha 34 aiseag aig CMAL gu làithreach. Tha trithead ’s a h-aon aiseag air an obrachadh le Aiseagan Calmac Earranta (CFL) air slighean chun nan eilean agus leth-eileanan air taobh siar Alba, fhad ’s a tha trì air an obrachadh le Aiseagan Serco Northlink gu Arcaibh agus Sealtainn.

Is urrainn don aiseag as lugha (MV CARVORIA) aon chàr a ghiùlain agus is urrainn don aiseag as motha (MV LOCH SEAFORTH) suas ri 143 càr no 20 HGV a ghiùlain. Bha an cabhlach iomlan ann an 2017 luach £130m (gun a bhith a’ cunntadh shoithichean a tha gan togail).

An aiseag as motha

Cabhlach Eileanan Chluaidh is Innse Gall:
Is e MV LOCH SEAFORTH an aiseag as motha sa chabhlach, a chaidh a thogail le Flensburger Schiffbau-Gesellschaft MBH agus Co KG, Flensburg, A’ Ghearmailt ann an 2014. Tha an MV LOCH SEAFORTH a’ frithealadh na slighe eadar Ulapul is Steòrnabhagh (Leòdhas), le comas air 143 càr agus 700 taistealach a ghiùlain.

Cabhlach nan Eilean a Tuath:
Is iad MV HROSSEY agus MV HJALTLAND na h-aiseagan as motha ann an cabhlach nan Eilean a Tuath. Chaidh na dhà dhiubh a thogail ann an 2002 ann an gàrradh-iarainn Aker Finnyards san Fhionnlainn. Chaidh na soithichean a thogail gu sònraichte do shlighean Arcaibh agus Sealtainn, agus thàinig iad fo shealbh CMAL sa Ghiblean 2018.


An aiseag as ùire

Thàinig an MV CARVORIA don t-seirbheis san Lùnastal 2017 air a’ cheangal eadar eilean beag Chearrara agus tìr-mòr, deas air an Òban aig Gallanach.  Tha an MV CARVORIA, a thogadh le Malakoff Earranta stèidhichte ann an Sealtainn, 12 meatair a dh’fhaid le comas air 12 taistealach agus cargu, a ghiùlain.


An aiseag as sine

Is e an MV Isle of Cumbrae an aiseag as sine sa chabhlach, a thogadh ann an 1976 le Ailsa Shipbuilding Co, An Truthail, agus thàinig i don t-seirbheis ann an 1977.


Gan togail

Aiseagan LNG
Tha dà aiseag dà-chonnaidh gan togail gu làithreach ann an gàrradh-iarainn MhicFhearghais ann am Port Ghlaschu. Tha na h-aiseagan charbadan is thaistealaich roilig air is dheth a tha 102m de dh’fhaid, air an dealbhadh airson 127 càr no 16 HGVan no measgachadh de na dhà agus suas ri 1,000 taistealach, a ghiùlain. Bidh na soithichean comasach air obrachadh air gas nàdarra lionnaichte (LNG) agus ola gas mara. Tha LNG gu mòr nas glaine agus air a chleachdadh le luchd-obrachaidh aiseagan san Roinn Eòrpa a Tuath mar thoradh air riaghailtean sgaoilidhean nas teinne.