Ùr-fhiosrachadh Àir. 5 – Bàgh Uamhais air ath-fhosgladh

24.03.16

Wemyss Bay Updates

Seirbheisean gu Baile Bhòid air am fosgladh a-rithist airson siubhal air Dihaoine 25 Màrt 2016.

Bha an cidhe dùinte airson sia mìosan airson càraidhean deatamach le seirbheisean air an ath-threòrachadh gu Guireag. An lùib na h-obrach a choilean sinn, bha ionadachadh air dìonadairean fiodha, ath-thogail air ceann a’ chidhe agus ath-thogail air an alt-aiseig. Tha an cala air a dhreidseadh cuideachd.

 

Ùr-fhiosrachadh Àir. 4

8 Gearran 2016

Ath-sgeadachadh Cidhe Bhàgh Uamhais – Ùr-fhiosrachadh Àir. 4 (PDF, 897Kb)

Wemyss-Bay-Update-4-images

 

Ùr-fhiosrachadh Àir. 3

8 Faoilleach 2016

Ath-sgeadachadh Cidhe Bhàgh Uamhais – Ùr-fhiosrachadh Àir. 3 (PDF, 831Kb)

Ùr-fhiosrachadh Àir. 2

2 Dùbhlachd 2015

Ath-sgeadachadh Cidhe Bhàgh Uamhais – Ùr-fhiosrachadh Àir. 2 (PDF, 938Kb)

Airson ‘Ùr-fhiosrachadh Àir. 1’ gliogaibh an seo (PDF, 820kb)

 

 

Ùr-fhiosrachadh Samhain 2015

Air 5 Samhain, dh’ainmich sinn gun robh sinn air crìoch a chur air an leasachadh fharsaing £1 millean air an togalach liostaichte Ìre A a tha a’ dèanamh suas Togalach-uidhe Port-aiseig Bhàgh Uamhais. Tha an t-slighe-coiseachd fiodha a bh’ ann, oifis nan tiogaidean agus na goireasan stòraidh uile air an ath-sgeadachadh mar phàirt de inbheisteadh £6 millean.

Tha an togalach còrr air 100 bliadhna a dh’aois agus is e structar follaiseach a th’ ann air a chòmhdach le iarann agus fiodh, le mullach sglèat agus glainne. Chaidh a h-uile pìos fiodha a bha air crìonadh ionadachadh le fiodh ùr air na ballachan a-muigh agus a-staigh, a’ gabhail  a-steach nan sailean fiodha structarail falaichte, a bha a’ cumadh gach aon den 44 bàgh fiodha. Tha am prìomh fhrèam structarail den t-slighe-coiseachd air a dhèanamh suas bho àireamh de thruisean iarainn toinnte a tha air an tacsadh dheth colbhan iarainn toinnte a tha falaichte. Tha gach pàirt den structar iarainn toinnte a chithear agus a tha falaichte, air an càradh, air an glanadh agus air an ath-sgeadachadh, a’ gabhail a-steach nan colbhan, truisean agus nan cuingealan taobhach iarainn toinnte. Tha na siostaman phìoban sìos agus na claisean mullaich air an ionadachadh agus tha na solais mullaich ghlainne uile air an glanadh.

Thòisich obair a bharrachd air taobh a-muigh an togalaich-uidhe air 1 Dàmhair 2015 airson ùine timcheall air 24 seachdain agus bha sin a’ gabhail a-steach toirt air falbh agus ath-stèidheachadh às dèidh sin air an alt-aiseig charbadan, leagail agus ath-togail air ceann na cidhe a bh’ ann bho na 1970an, ath-nuadhachadh air dìonadaireachd na cidhe, stàlachadh air dìon crìonaidh air a’ chidhe agus deidseadh gu an iar agus deas air a’ chidhe. Tha nàdar na h-obrach seo a’ ciallachadh gum bi am port-aiseig dùinte rè ùine agus thathar an dùil gum fosgail e nuair a bhios an obair uile crìochnaichte ron Chàisg 2016.

Wemyss bay refit

Wemyss bay refit

Wemyss bay refit

Ùr-fhiosrachadh Adhartais Àir. 1

29 Dàmhair 2015

Ath-sgeadachadh Cidhe Bhàgh Uamhais – Ùr-fhiosrachadh Adhartais Àir. 1- 29 Dàmhair 2015 (PDF, 820 Kb)

Seiseanan tadhail

Bidh Stòras Mara Chailleannach Eta a’ cumail seiseanan tadhail airson conaltraidhean a chumail a’ dol a thaobh ath-leasachaidh air Port-aiseig Bhàgh Uamhais. Ceadaichidh na seiseanan sin do bhuill den phoball coinneachadh ri stiùiriche a’ phròiseict, an t-Àrd-Innleadair Togail, Brian Sydney agus càch bhon sgioba pròiseict. Bidh an sgioba ri làimh airson ceistean a fhreagairt mun phròiseact agus an t-adhartas a tha am pròiseact a’ dèanamh. Gheibhear uairean agus cinn-latha a thaobh Baile Bhòid agus Bàgh Uamhais gu h-ìosal:

Baile Bhòid – Seòmar Green Tree, Ionad Coimhearsnachd Moat, 6f gu 8.30f

2015: 15/10, 29/10, 12/11, 26/11, 10/12
2016: 7/1, 21/1, 4/2, 18/2, 3/3

Bàgh Uamhais – Seòmar Feitheimh sa Phort-aiseig, 9.30m gu 12f

2015: 9/10, 22/10, 6/11, 20/11, 4/12, 18/12
2016: 15/1, 29/1, 12/2, 26/2, 11/3

 

Ùr-fhiosrachadh Pròiseict Àir. 1

Ath-sgeadachadh mòr a-muigh agus a-staigh air an t-slighe-coiseachd, am mullach, glainneachadh agus oifis nan tiogaidean.

Adhartas gu ruige seo:

  • Saorsainneachd agus obair stàilinn a’ leantainn air na h-àrdachaidhean a Tuath agus a Deas.
  • Obair sgeadachaidh saorsainneachd air a thòiseachadh air an dà àrdachadh
  • Ullachadh agus sgeadachadh a’ leantainn air obair stàilinn falaichte agus sailean fiodha air an taobh a-staigh
  • Sglèatadh, agus obair luaidhe is claisean a’ leantainn air adhart
  • Càraidhean don mhullach chòmhnard os cionn oifis nan tiogaidean
  • Ath-ùrachadh air glainne sa mhullach agus glanadh airson glainneachadh
  • Còmhdach a-muigh air Ceann na Cidhe / Oifis nan Tiogaidean

Targaid ceann-latha crìochnachaidh aig deireadh an Iuchair 2015.