Tha Stòras Mara Cailleannach Earranta (CMAL) air an treas ath-aithris de am Plana Gàidhlig fhoillseachadh, a tha air a dhealbhadh gus inbhe na Gàidhlig àrdachadh.

CMAL Am Plana Gàidhlig 2023

Leugh e gu h-iomlan an seo

Tha am plana a’ mìneachadh gealltanasan CMAL a thaobh cleachdadh na Gàidhlig adhartachadh tro raon de ghnìomhan is iomairtean, a’ gabhail a-steach soidhneachd dà-chànanach aig calaidhean agus togalaichean eile; ainmean dà-chànanach do na h-aiseagan uile; eadar-theangachadh gu Gàidhlig de chonaltraidhean air an làraich-lìn agus tarsainn nam meadhanan sòisealta. Tha àireamh den luchd-obrach ag ionnsachadh na Gàidhlig gu làithreach.

Thuirt Mòrag NicNèill, Cathraiche CMAL:

“Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil a’ Ghàidhlig na pàirt bhunaiteach de dhualchas na h-Alba, a dearbh-aithne nàiseanta agus a beatha chultarach. Cuidichidh na h-iomairtean againne le dèanamh cinnteach gum bi seasmhachd aig a’ Ghàidhlig san àm ri teachd.

“Ma tha a’ Ghàidhlig gu bhith air a h-ath-nuadhachadh mar chànan beò ann an Alba, feumaidh sinn uile oidhirp cho-òrdanaichte a dhèanamh gus meudachadh air a cleachdadh adhartachadh, a neartachadh agus a bhrosnachadh.”

Tha an ath-thriall seo de phlana CMAL a’ togail air an cuid taic agus an cuid adhartachaidh air a’ Ghàidhlig san àite-obrach, agus sna coimhearsnachdan a thathar a’ frithealadh tro sheirbheisean aiseig nan Eilean a Tuath, Cluaidh agus Innse Gall.

Tha am plana air ullachadh taobh a-staigh frèam-obrach Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Leugh e gu h-iomlan an seo.


Categories: Press
Tags: