Tha Neach-tomhais Cùmhnantaichte air an taobh a-staigh aig CMAL aig a bheil dleastanas airson stiùireadh agus cumail suas na so-mhaoin Thogalaichean is Talmhainn tron lìonra aig CMAL. Tha pròiseactan a’ rangachadh bho càradh/cumail suas coitcheann gu ath-sgeadachadh mòr agus comharrachadh air cothroman seilbhe eile, uile a’ coimhead ri goireasan a th’ ann a-cheana àrdachadh agus a leasachadh. Tha eisimpleirean de phròiseactan a chaidh a chrìochnachadh agus a tha fhathast a’ dol air adhart, air an taisbeanadh gu h-ìosal:

Port Ilein – Slighe Luchd-coiseachd

Chaidh slighe coiseachd ùr a thogail gus luchd-coiseachd agus luchd-cleachdaidh ciorramach a sholarachadh le slighe shàbhailte sgaraichte don Phort.

Chaidh crìoch a chur air an sgeama seo tron gheamhradh 2014.

Colbhasa

Tha CMAL air crìoch a chur o chionn ghoirid air an ath-sgeadachadh a-staigh agus ath-rèiteachadh air oifis nan tiogaidean aig Cidhe Scalasaig ann an Colbhasa. Bha am pròiseact a’ gabhail a-steach cruthachadh air doras inntrigidh dùbailte ùr, seòmar feitheimh nas motha le suidheachain ùra agus uinneag ùr a’ coimhead a-mach air a’ chidhe. Chaidh an ath-sgeadachadh a chrìochnachadh tràth san Ògmhios agus chaidh fhosgladh gu h-oifigeil leis a’ Mhorair Strathcona air 2 Ògmhios 2014.

Tiriodh

 

Tiree---former-terminal-building-2-GAELIC

Tha an obair leagail air an togalach-uidhe a bha air Cidhe Ghoit ann an Tiriodh, crìochnaichte. Tha am balla mara air a leudachadh agus tha stòr ùr air a thogail air an làraich. Tha deasbadan a’ dol air adhart le Discover Tiree gus crìoch a chur air a’ phròiseact le soidhneachd ùr airson fàilte a chur air na h-uile don eilean.

Ceann na Creige

Chaidh crìoch a chur sa Chèitean 2014, air sgeama càraidhean a-muigh agus ath-sgeadachaidh a-staigh air seòmar feitheimh is taighean-beaga Cheann na Creige.