Tha na ciad deuchainnean mara aig an MV An t-Eilean Ìleach air an coileanadh gu soirbheachail le Cemre Marin Endustri ann an Yalova san Tuirc. 

Ghabh na deuchainnean àite bho Dhiardaoin 22mh Cèitean gu Dihaoine 30mh Cèitean, ann am Muir Marmara, le luchd-obrach bho CMAL agus CalMac an làthair. 

Chunnaic a’ chiad phàirt de na deuchainnean mara stèidheachadh air na siostaman ro-iomain, gineadairean, putairean, bunailtirean agus na siostaman dealain co-cheangailte.  Chaidh iad sin fheuchainn a-mach, a dheuchainn agus an tomhas le Clàr Lloyd agus Buidheann na Mara ’s nam Maor-cladaich (MCA) an làthair. 

Bha na deuchainnean a’ luachadh gnìomhadh an t-soithich le làn luachd, a’ gabhail a-steach luaths, seasmhachd, comas gluasaid, cleachdadh/togail acair agus fulangas. Stèidhich na deuchainnean èifeachdas plannt ro-iomain an t-soithich, agus na siostaman fèin-obrachas is iùil.

Thuirt Jim MacAnndrais, Stiùiriche Shoithichean aig CMAL:

Is e fìor cheum air adhart a tha seo ann am prògram togail An t-Eilean Ìleach. Tha an sgioba aig Cemre ag obair cruaidh ag ullachadh an t-soithich airson a lìbhrigeadh. Tha faireachdainn math de dh’astar-gluasaid an làthair a’ leantainn air crìoch shoirbheachail air a’ chiad ìre de dheuchainnean mara. 

Bidh an dàrna cuairt de dheuchainnean mara a’ gabhail àite nas fhaide air adhart as t-samhradh, a’ leantainn stàlachadh air siostam bataraidh an t-soithich agus deuchainnean ion-ghabhail calaidh air an t-siostam tar-chinealach.  


Categories: Aiseagan, Meadhanan, Naidheachdan, Nochdte, Pròiseactan, Soithichean Ùra do dh’Ìle
Tags: