Chaidh an MV Loch Mòr, a’ chiad aiseag de dhà shoitheach ùr airson slighean a’ Chuain Chanaich, a chur air bhog an-diugh (Disathairne, 23 Lùnastal) aig gàrradh-iarainn Cemre Marin Endustri ann an Yalova san Tuirc.

Ann an coimeas ris an t-seirbheis le aon soitheach, an MV Innse Gall, bidh an aiseag ùr còmhla ri a piuthar, an MV Claidheamh Mòr, a’ toirt seachad seirbheis dà-shoitheach air na slighean eadar Ùige san Eilean Sgitheanach, an Tairbeart sna Hearadh agus Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath. Tha an MV Loch Mòr comasach air suas ri 450 neach-siubhail agus 100 càr no 14 carbadan coimearsalta a ghiùlain, a’ toirt comasachd mhòr agus fulangas do na coimhearsnachdan a bhios i a’ frithealadh.

Thug Còmhdhail Alba £115m de mhaoineachadh do phròiseact aiseagan a’ Chuain Chanaich ann an 2022, le cuid den bhuidseat air a riarachadh airson leasachaidhean beaga air na calaidhean, gus freagairt air dealbhadh nan soithichean ùra seo. Chaidh an cùmhnant a bhuileachadh do Cemre Marin Endustri sa Ghearran 2023, a’ leantainn air pròiseas tairgsidh fharpaiseach. Tha an MV Loch Mòr mar an trìtheamh de cheithir soithichean coitcheanta a tha gan togail sa ghàrradh Thuirceach do CMAL mar phàirt de thasgadh cudromach ann an lìonra aiseagan na h-Alba.

Bha an t-seirbheis foillseachaidh air a frithealadh le riochdairean bho CMAL agus prìomh luchd-ùidhe a’ phròiseict. Chaidh an aiseag a chur air bhog gu foirmeil le Kay NicLeòid, cosnaiche fad-fhrithealaidh aig CalMac a tha ag obair ann an ionad aiseig an Tairbeirt.

A’ leantainn air a cur air bhog, bidh an MV Loch Mòr a’ faotainn stàlaidhean siostamach agus ath-uidheamachaidh san uisge mus gabh deuchainnean mara àite. Tha i clàraichte a bhith ann an Alba nas fhaide air adhart ann an 2026, agus an dèidh sin bidh cothrom aig a’ chriutha air eòlas a chur oirre agus deuchainnean obrachail a ghabhail os làimh mus tòisich an t-seirbheis.

Thèid tachartas coimhearsnachd a chumail air an Tairbeart (Na Hearadh) an ath-bhliadhna, far am faigh luchd-còmhnaidh ionadail agus luchd-ùidhe cuireadh air bòrd airson cuairt tron t-soitheach ùr agus a fàilteachad don chabhlaich.

Thuirt Fiona Hyslop, an Rùnaire Caibineit airson Còmhdhail:

“Tha mi air leth toilichte cur-air-bhog soirbheachail air an MV Loch Mòr fhaicinn, a tha a’ comharrachadh clach-mhìle chudromaich eile nar n-oidhirpean air a’ chabhlach aiseagan ath-ùrachadh, a tha a’ frithealadh lìonra Chluaidh is Innse Gall.

“Tha Riaghaltas na h-Alba dealasach a thaobh tasgadh anns na seirbheisean aiseig againn, agus bidh an MV Loch Mòr còmhla ris an MV Claidheamh Mòr agus leasachaidhean cudromach chalaidhean, a’ lìbhrigeadh ar n-àrd-amas air seirbheis dà-shoitheach a’ ceangal Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh, agus mar sin a’ leasachadh comasachd, tricead agus fulangas do na Hearadh agus Uibhist a Tuath.

“Tha mi a’ coimhead air adhart ris an MV Loch Mòr fhaicinn a’ ruighinn uisgeachan na h-Alba agus a’ tòiseachadh san t-seirbheis do na coimhearsnachdan a tha an eisimeil slighean a’ Chuain Chanaich.”

Thuirt Caoimhin Hobbs, Àrd-Oifigear CMAL:

“Tha e anabarrach math cur-air-bhog soirbheachail eile aig Cemre fhaicinn, leis an trìtheamh de na ceithir soithichean air an cur air bhog thairis air 17 mìosan.  

“Bidh na coimhearsnachdan a tha air am frithealadh leis na soithichean sin, a’ faicinn leasachadh cudromach ann an comasachd agus earbsachd nuair a thig an MV Loch Mòr a-steach don t-seirbheis an ath-bhliadhna, agus fiù a bharrachd air sin nuair a thig a’ piuthar, an MV Claidheamh Mòr, a-steach don t-seirbheis beagan mhìosan às dèidh sin.”

Thuirt Donnchadh Mackison, Àrd-Oifigear CalMac:

Tha mi air leth toilichte gu bheil an MV Loch Mòr air a cur air bhog le Kay NicLeòid, cosnaiche fad-amail aig CalMac a tha fìor dhealasach agus seasmhach a thaobh nan eilean a bhios an soitheach seo a’ frithealadh. Bha Kay, a tha air a bhith ag obair aig CalMac thar trithead bliadhna, dìreach foirfe airson na cloiche-mìle seo a chomharrachadh mar aithne don obair chruaidh a tha i fhèin agus a co-obraichean a’ lìbhrigeadh, gus seirbheis earbsach a sholarachadh air an t-slighe eadar Ùige-an Tairbeart-Loch nam Madadh.

“Leis an togail ann an comasachd agus earbsachd a bhios an MV Loch Mòr agus an MV Claidheamh Mòr a’ tarraing, soirbhichidh coimhearsnachdan agus gnothachasan san Eilean Sgitheanach, na Hearadh agus Uibhist a Tuath leis na soithichean ùra seo san t-seirbheis.

“Tha an soitheach mar aon de 12 soithichean a tha clàraichte airson a thighinn a-steach don chabhlach ro 2029 agus bidh tonnachd ùr chunbhalach a’ tighinn, a’ tòiseachadh leis an MV An t-Eilean Ìleach nas fhaide air adhart am-bliadhna, gar cuideachadh le leasachaidhean air seirbheis an lìonraidh a lìbhrigeadh fada is farsaing.”

Thar nam mìosan ri teachd, bidh a’ chiad soitheach de na ceithir a tha gan togail sa ghàrradh, an MV An t-Eilean Ìleach, air a toirt a-steach don t-seirbheis air slighe Ìle. Tha CMAL ag obair gu dlùth le  Cemre agus CalMac le amas co-roinnte air na ceithir soithichean uile a lìbhrigeadh agus a chur a dh’obair, aig a’ chiad chothrom.


Categories: Aiseagan, Meadhanan, Naidheachdan, New Little Minch Vessels, Nochdte, Pròiseactan
Tags: