ACHD NAN CALAIDHEAN 1964 (MAR A THA ATHARRAICHTE)

ÒRDUGH ATH-SGRÙDAIDH (GLUASAD GNÌOMHACHAIS) CALA ÀIRD ROSAIN 202[ ]

  1. THA FIOS GA THOIRT LEIS AN SEO GU BHEIL Companaidh Cala Àird Rosain Earranta, 16 Sràid Robasdan, Glaschu G2 8DS (“an Tagraiche”) air tagradh a dhèanamh gu Ministearan na h-Alba airson Òrdugh Ath-sgrùdaidh Cala fo earrann 14 de Achd nan Calaidhean 1964 (“Achd 1964”).
  2. Gluaisidh an t-Òrdugh gnìomhachas cala Àird Rosain bhon Tagraiche gu Stòras Mara Cailleannach Earranta. Mar sin, ma bhios an t-Òrdugh dèante, is e Stòras Mara Cailleannach Earranta a bhios mar ùghdarras calaidh reachdail air Cala Àird Rosain.
  3. Mar thoradh air nàdar HRO, chan eil aithris àrainneachdail riatanach.
  4. Chan eil Paragraf 16 de Chlàr 3 de dh’Achd 1964 (a dh’fheumas fiosrachadh mu phròiseact a sholarachadh a tha an dàn buaidh chudromach a thoirt air an àrainneachd ann am Breatann agus ann an Stàit Sgìre Eaconamch Eòrpach eile) buntainneach don tagradh.
  5. Faodar lethbhreac den dreachd Òrdugh a sgrùdadh, saor ’s an-asgaidh, eadar uairean 8:00m gu 5:00f Diluain gu Disathairne, aig Caledonian Mac a’ Bhriuthainn, Am Port Aiseig, Àird Rosain, KA22 8ED gus an ruith an ùine de cheathrad latha ’s a dhà a-mach bhon cheann-latha air a shònrachadh aig bonn an fhios seo. Faodar an dreachd Òrdugh fhaicinn cuideachd aig https://www.cmassets.co.uk/ardrossan-legislation.
  6. Bu chòir do neach sam bith aig a bheil feum air tuilleadh fiosrachaidh a thaobh an Òrdugh a tha molta, tagradh a dhèanamh ann an sgrìobhadh airson an fhiosrachaidh sin gu Ashfords LLP, Taigh Ashford, Rathad Grenadier, Exeter, EX1 3LH, ag ainmeachadh an iomraidh ‘Òrdugh Ath-sgrùdaidh (Gluasad Gnìomhachais) Cala Àird Rosain 202[ ]’.
  7. Bu chòir do neach sam bith a tha airson gearan no riochdachadh a dhèanamh gu Ministearan na h-Alba a thaobh an tagraidh, sgrìobhadh gu Dario Dalla Costa, Comhairliche Poileasaidh Phuirt, Meur Phuirt is Chalaidhean, Roinn nan Aiseagan, Còmhdhail Alba, Sgìre 2F a Tuath, Cidhe Bhioctòiria, Dùn Èideann EH6 6QQ, no air post-d gu harbourorders@transport.gov.scot taobh a-staigh ceathrad latha ’s a dhà bhon cheann-latha air a shònrachadh aig bonn an fhios seo, agus ag ainmeachdh ‘Òrdugh Ath-sgrùdaidh (Gluasad Gnìomhachais) Cala Àird Rosain 202[ ]’ ag aithris nan adhbharan airson an gearain no an riochdachadh agus a’ toirt seòladh gu am faod litrichean co-cheangailte ris a’ ghearan no an riochdachadh, a dhol.
  8. Bidh gearanan is riochdachaidhean uile a bhios dèante, a’ gabhail a-steach fiosrachadh pearsanta air a sholarachadh do Mhinistearan na h-Alba, air an roinn leis an Tagraiche a dh’fhaodas conaltradh riut gus do dhraghan a dheasbad. Faodaidh ainmean agus teacs riochdachaidh sam bith a bhith air fhoillseachadh air làrach-lìn Còmhdhail Alba mar thoradh air riatanasan Saorsa Fiosrachaidh. Ma bhios tu airson cùisean a dheasbad co-cheangailte ri cleachdadh air do dhàta pearsanta, cuir fios gu an neach a tha air a shònrachadh ann am paragraf 7 den fhios seo.
  9. Ma tha gearan ga dhèanamh gu dligheach don tagradh agus gun a tharraing às, faodaidh Ministearan na h-Alba mus tig iad gu co-dhùnadh, (i) rannsachadh adhbhrachadh no (ii) cothrom a thoirt don neach-gearain nochdadh air beulaibh agus a bhith air a chluinntinn le pearsa air fhastadh leotha.

Ashfords LLP

Luchd-lagha do Chompanaidh Cala Àird Rosain Earranta

11 Màrt 2026


View the relevant documentation ›


Further information is available at: cmassets.co.uk/ardrossan-legislation


Categories: Cidheachan is Calaidhean, Naidheachdan, Pròiseactan, Reachdas Cala: Àird Rosain
Tags: