22 Mar 2024 | Ferries, News, Press, Projects

Chaidh an MV Eilean Île, a’ chiad de dhà shoitheach a’ frithealadh Ìle is Diùra, a chuir air bhog Disathairne 16 Màrt aig gàrradh-iarainn Cemre Marin Endustri ann an Yalova, An Tuirc.

 Tha an t-soitheach, a tha mar aon de cheithir aiseagan a tha gan togail sa ghàrradh, a’ comharrachadh clach-mhìle chudromach a thaobh gealltanas Stòras Mara Cailleannach Eta (CMAL) air aiseagan ùra a lìbhrigeadh airson a bhith a’ frithealadh eileanan na h-Alba.

Bha riochdairean bho CMAL agus prìomh luchd-ùidhe a’ phròiseict an làthair, agus chuir Mòrag NicNèill, Cathraiche CMAL, an aiseag air bhog gu foirmeil.

Artist's impression of new Islay vessel

 Clàraichte airson a lìbhrigeadh san Dàmhair 2024, bidh comas-lìonaidh aig an t-soitheach de suas ri 450 neach-siubhail agus 100 càr, no 14 charbadan coimearsalta. Bheir i seachad meudachadh amalaichte de 40% ann an comas charbadan is luchd air slighean Ìle, a’ toirt togail do fhulangas iomlan a’ chabhlaich san fharsaingeachd.

Leanaidh an obair air bòrd an t-soithich fhad ’s a tha i san uisge, mus tèid a cur fo dheuchainnean mara agus a’ sìneadh thairis gu a sealbhadairean, CMAL. Bidh an criutha a’ cur eòlas oirre agus deuchainnean obrachaidh ionadail a’ gabhail àite an uair sin nuair a ruigeas i às an Tuirc, mus tèid an MV Eilean Ìle a chur ann an seirbheis.

Bidh seirbheis ainmeachaidh oifigeil a’ gabhail àite faisg air deireadh na bliadhna, nuair a gheibh riochdairean coimhearsnachd agus luchd-ùidhe cuireadh air bòrd agus cuairt a ghabhail tron t-soitheach mar chomharrachadh air i a bhith air ruighinn, mus bi i mar aon den chabhlach gu h-oifigeil.

|

Tha cur-air-bhog oifigeil An MV Eilean Ìle a’ comharrachadh prìomh chlach-mhìle ann an slighe-togail na soithich. Tha e mìorbhaileach a faicinn san uisge. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri ainmeachadh oifigeil na h-aiseig a chomharrachadh, MV Eilean Ìle, aig an tachartas nas fhaide air adhart am-bliadhna agus sinn a’ cur fàilte oirre do dh’uisgeachan na h-Alba.

—Kevin Hobbs, Chief Executive Officer at CMAL

|

’S e clach-mhìle chudromach eile a tha seo a thaobh gealltanas Riaghaltas na h-Alba air sia prìomh shoithichean ùra a liubhairt a bhios a’ frithealadh lìonra Chluaidh is Innse Gall ro 2026.

Leis an MV Eilean Ìle ag adhartachadh a dh’ionnsaigh a lìbhrigeadh san Dàmhair, agus a piuthar an MV Loch an Dàil goirid às dèidh sin, faodaidh luchd-cleachdaidh nan aiseagan coimhead air adhart ri seirbheisean a bhios nas earbsaich agus nas fhulangaich le comas-lìonaidh meudaichte air slighean Ìle bho 2025. Tha mi a’ coimhead air adhart ri iad sin fhaicinn agus ri barrachd shoithichean a bhith gan cur ris a’ chabhlach sna bliadhnaicheana tha romhainn, a’ toirt leasachaidhean gu coimhearsnachdan nan eilean air feadh lìonra Chluaidh agus Innse Gall.

—Fiona Hyslop, An Rùnaire Caibineit airson Còmhdhail.  

|

Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri fàilte a chur air an MV Eilean Ìle don chabhlach againn. Nuair a thig i gu bhith ann an seirbheis, lìbhrigidh i atharrachadh bunaiteach ann am fulangas agus comas-lìonaidh do choimhearsnachd Ìle, a’ comasachadh fàs san àm ri teachd.

—Robbie Drummond, Chief Executive of CalMac

Tha an dàrna soitheach airson slighe Ìle ri bhith ga cur air bhog ann an Cemre nas fhaide air adhart am-bliadhna.

Learn more about the new ferries for Islay

In April 2018, Scottish Ministers announced that Islay would be next in line for new vessels to replace the MV Hebridean Isles.