Cothrom aig sgoilearan na Hearadh is Uibhist a Tuath an làrach fhèin a chur air aiseagan ùra a’ Chuain Sgìth

12 Dàmhair 2026 | Aiseagan, DSC (Dleastanas Sòisealta Corporra), Meadhanan, Naidheachdan, New Little Minch Vessels, Nochdte, Pròiseactan, Uist, Harris, and Lewis

Tha sgoilearan ionadail às na Hearadh agus Uibhist a Tuath air cothrom fhaotainn air an obair ealain a thaisbeanadh air bòrd an dà aiseig ùir, an MV Loch Mòr agus an MV Claidheamh Mòr.

Tha Stòras Mara Cailleannach Earranta (CMAL) air farpais ealain a chur air bhog a tha a’ toirt cuireadh dhaibh air brosnachadh fhaotainnn bho chruthan-tìre nan eilean aca, leis na h-ochd dealbhan a bhuannaicheas rin taisbeanadh air bòrd nan soithichean a tha deiseil airson coimhearsnachdan nan eilean a fhrithealadh.

Tha cuireadh aig sgoilearan bho cheithir bun-sgoiltean is àrd-sgoiltean às a’ choimhearsnachd ionadail gu pàirt a ghabhail: is iad sin Sgoil Sir E Scott (bun-sgoil is àrd-sgoil), Sgoil Leverhulme (bun-sgoil), Sgoil Uibhist a Tuath (bun-sgoil) agus Sgoil Lionacleit (àrd-sgoil).

Tha an fharpais fosgailte do sgoilearan ann an ceithir bhuidhnean aoise: prìomh 1-3, prìomh 4-7, àrd-sgoil 1-3, agus àrd-ìre 4-6. Gabhar ri tagraidhean airson na farpais suas gu Dihaoine 27 Samhain, leis na buannaichean gu bhith gan ainmeachadh san Dùbhlachd.

Gheibh na h-ochd buannaichean cuireadh a dhol air bòrd gach aon de na soithichean aig àm nan seirbheisean fosglaidh a dh’fhaicinn taisbeanadh de an an obair-ealain. Gheibh iad cuideachd duais co-cheangailte ri ealain a thèid a bhuileachadh orra aig an t-seirbheis, le aon bhuannaiche thar chàich a’ faighinn a’ chothruim air carthannas ionadail a thaghadh airson tabhartas de £1,500 fhaighinn bho CMAL, sin air a rèiteachadh tron sgoil aca.

Thuirt Chris Kane, cuidiche gnìomha aig CMAL:

“A’ leantainn air soirbheachas na farpais ealain airson soithichean Ìle, tha sinn a’ coimhead air adhart ri cruthachalachd dhaoine òga às na Hearadh agus Uibhist a Tuath fhaicinn agus mar a tha iad a’ glacadh na tha a’ dèanamh nan eilean aca sònraichte.

“Bidh àite cudromach aig na h-aiseagan ùra ann an co-cheangal nan coimhearsnachdan eileanach fad nam bliadhnaichean ri teachd, mar sin tha e freagarrach gu bheil cothrom aig daoine òga an làrach fhèin a chur orra. Bidh an obair-ealain aca na dhòigh tharraingeach air na h-eileanan agus na daoine a chomharrachadh, a bhios na soithichean a’ frithealadh.”

Thathar a’ sùileachadh gun tèid an MV Loch Mòr agus an MV Claidheamh Mòr a lìbhrigeadh ann an  2027. Bheir na soithichean ùra comas meudaichte charbadan is bathair gu slighe a’ Chuain Sgìth a thuilleadh air seasmhachd a neartachadh tarsainn a’ chabhlaich air fad.

Gabhar ri tagraidhean don fharpais suas gu Dihaoine 27 Samhain, agus bidh na buannaichean air an ainmeachadh san Dùbhlachd.