Air Disathairne, 2 Cèitean 2026, chuireadh an MV Claidheamh Mòr air bhog ann an gàrradh-iarainn Cemre Marin Endustri ann an Yalova san Tuirc. Chaidh an t-soitheach a chur air bhog le Màiri Mhoireasdan, a bha na Manaidsear Calaidh ann an Loch nam Madadh.

Is e an MV Claidheamh Mòr an ceathramh soitheach agus an t-soitheach mu dheireadh de na ceithir peathraichean, a bha ri a cur air bhog a’ leantainn air an MV An t-Eilean Ìleach, an MV Loch an Dàil, agus an MV Loch Mòr.

Às dèidh an lainns, leanaidh obair air an t-soitheach le uidheamachadh agus stàlachadh siostam fhad ’s a tha i air bhog, mus tòisich deuchainnean mara agus ullachaidhean ro a lìbhrigeadh.

Thathar a’ planadh air an MV Claidheamh Mòr a chur a dh’obair còmhla ris an MV Loch Mòr air slighean a’ Chuain Sgìth eadar Ùige san Eilean Sgitheanach, an Tairbeart sna Hearadh, agus Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath.


Categories: Aiseagan, Meadhanan, Naidheachdan, New Little Minch Vessels, Nochdte, Pròiseactan
Tags: