Air 15 Dàmhair 2014, dh’ainmich am Ministear Còmhdhail, Keith Brown, gun robh am pròiseas solarachaidh a thaobh dà aiseag ùr a dheilbh agus a thogail airson an cleachdadh air lìonra Seirbheisean Aiseig Chluaidh agus Innse Gall, air fhoillseachadh. Tha na h-aiseagan gan deilbh airson seirbheis làn shùbailte fad na bliadhna a sholarachadh do dh’Eilean Arainn agus Triantan Ùige, le ùmhlachd do ath-sgrùdadh deireannach le CalMac Ferries Eta, CMAL agus Còmhdhail Alba. Bidh na h-aiseagan a tha iad ag ionadachadh air an cleachdadh mar a dh’fheumar air feadh an lìonraidh.

San Dàmhair 2015, a’ leantainn air pròiseas solarachaidh dian, bha sinn air leth toilichte ainmeachadh gun robh an cunnradh fiach £97millean air a bhuileachadh air Ferguson Marine Engineering Eta (FMEL) ann am Port Ghlaschu, airson dà aiseag ‘dà-chonnaidh’ 100 meatair a thogail. Bidh FMEL a’ gabhail os làimh deilbh mhionaideach agus an obair togail air an dà shoitheach ann an Alba, a thuilleadh air deuchainneadh, uidheamachadh, cur air bhog agus liubhairt. Thathar a’ sùileachadh gum bi a’ chiad aiseag a’ tòiseachadh san t-seirbheis tràth ann an 2018, leis an dàrna h-aiseag a’ leantainn beagan mhìosan às dèidh sin.

Bidh na h-aiseagan nan soithichean ‘dà-chonnaidh’ agus mar sin is urrainn dhaibh obrachadh air gas nàdarrach lionntaichte (LNG) agus dìosail mara. Tha LNG gu mòr nas glainne agus tha e air gabhail ris le companaidhean aiseagan ann an ceann a tuath na Roinn Eòrpa mar thoradh air riaghailtean sgaoilidh nas teinne.

Tha na soithichean air an deilbh airson 127 càraichean no 16 HGV no measgachadh de na dhà agus suas ri 1,000 neach-siubhail. Bidh na soihtichean comasach air obrachadh tarsainn raon de dhreachan agus astaran gus riatanasan na companaidh làithreach, CalMac Ferries Eta, a choileanadh airson raon fharsaing de phuirt agus slighean a sheirbheiseachadh.

Bheir an cunnradh cuideachadh mòr do thogail-shoithichean coimearsalta air Abhainn Chluaidh, a’ leantainn liubhairt a’ ghàrraidh-iarainn air a’ chiad dà aiseag tar-chinealach do chabhlach CMAL, leis an trìtheamh soithich ri cur air bhog san Dùbhlachd am-bliadhna.

FERGUSONS STURGEON 3

Ìomhaighean de sheirbheis gearraidh stàilinn le còraichean glèidhte Mark Gibson bhon Evening Times

 

Togail a’ dol air adhart a-nis agus tha an ìomhaigh gu h-ìosal a’ taisbeanadh adhartais gu ruige seo.

Dual Ferrier Updatea