Dùnadh sealach air Port Ilein

Bidh sinn a’ dèanamh obair càraidh dheatamach aig Port-aiseig Phuirt Ilein, a bhios a’ gabhail a-steach alt-aiseig ùr a stèidheachadh agus leasachadh air obair-phìoban agus siolandaran.

Tha seo a’ ciallachadh gun dùin Port-aiseig Phuirt Ilein airson ùine bho 18 Giblean, a’ toirt air CalMac, a tha a’ ruith nan aiseagan, seirbheisean aiseig Ìle uile a chur gu Port Asgaig airson timcheall air trì seachdainean.

Cha bhi lùghdachadh sam bith san t-seirbheis iomlan, ach bidh clàr-ama diofraichte ag obrachadh aig an àm. Bidh seirbheis bus air a sholarachadh bho Phort Ilein gu port Asgaig airson luchd-siubhail air chois.

 

Cearrara – Aiseag a’ Ghallanaich ag ath-thòiseachadh seirbheis bathair

Ràinigeadh prìomh chlach-mhìle Diluain 29 Gearran nuair a thòisich Aiseag Chearrara air giùlain bathar a-rithist. Tha an cunnradair againn, George Leslie Eta, air obair a ghabhail os làimh air an dà laimrig a leudachadh, a’ toirt air falbh an cuibhreachadh làin-mhara bhon t-seirbheis aiseig seo. Tha obair a-nis a’ dol air adhart air an tonn-chasg aig Cearrara, a bheir leasachadh air fulangas na seirbheis aiseig.

Thuirt Ruairidh Caimbeul, am manaidsear pròiseict againn,

“Tha sinn air leth toilichte an t-seirbheis bathair a thoirt air ais don eilean agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris an tonn-chasg ùr fhaicinn a’ tighinn gu bith”.

Gallanach - Kererra slipways

 

Slighe ùr luchd-coiseachd gu Port Ilein

Crìochnaichte ann an àm agus a rèir a’ bhuidseat.


Ùr-fhiosrachadh mu leasachaidhean Bhàgh a’ Chaisteil

Bàgh a’ Chaisteil

Obair sgeadachaidh a-muigh, ath-leasachadh air na taighean-beaga a-muigh agus a-staigh, suidheachain ùra san t-seòmar-feitheimh agus sgeadachadh air an taobh a-staigh.

Crìochnaichte  – 15 Cèitean 2015


Chaidh crìoch a chur air Ceumannan Bàta Ghuraig gu                   h-oifigeil air 2 Giblean 2015 agus am fosgladh don phoball air 14 Giblean 2015

Tha an structar ùr a’ solarachadh slighe chòmhnard a-steach eadar taobh a’ chladaich agus gu an structar ùr air Cabhsair 4 de na 6 Cabhsairean a tha air an suidheachadh aig grunn dhiofar ìrean, agus a tha a’ solarachadh ruigheachd leis gach staid làin gu na soithichean uile, a tha gu làithreach ag obrachadh seirbheisean Cheann na Creige agus Dhùn Omhain.

Chaidh diofar atharrachaidhean agus leasachaidhean a dhèanamh air slighean luchd-siubhail agus raointean feitheimh a th’ ann a-cheana, a tha a’ frithealadh nan Ceumannan Bàta ùr mar phàirt de phrìomh obair leasachaidh taobh a’ chladaich, a’ gabhail a-steach solar air stad-fasgaidh bhusaichean.


Leathadan-luinge ùra Chaol an t-Snàimh agus an Rubha Bhòdaich

Tha leathadan-luinge ùra gan solarachadh ann an Caol an t-Snàimh agus aig an Rubha Bhòdach mar thoradh gu bheil am bun-structar làithreach air a thighinn gu deireadh a bheatha obrach. Mar phàirt de na h-obraichean sin, bidh ciuthadh nas fheàrr airson nan aiseagan air a chur an gnìomh aig Caol an t-Snàimh.

Tha an sgeama seo gu làithreach aig ìre Deilbh le Togail gu bhith a’ tòiseachadh ann an 2016 nuair a chuirear crìoch air pròiseact Bàgh Uamhais.

Coinneamh Coimhearsnachd

Chùm CMAL coinneamh coimhearsnachd ann an Caol an t-Snàimh air 3 Samhain 2014, gliogaibh an seo airson lethbhreac den taisbeanadh.


Port-aiseig Ghuireig

Sgrùdadh talmhainn

Tha sgrùdadh air talamh a tha air a choimiseanadh aig an raon ri taobh structar slighe an alt-aiseig ri bhith crìochnaichte a dh’aithghearr aig togalach-uidhe an aiseig.

Bidh fiosrachadh agus toraidhean bhon sgrùdadh seo a’ biathadh a-steach don phròiseas deilbh is tairgse airson structar cheumannan ùra na laimrig.

Ceumannan ùra na laimrig

Ùr-fhiosrachadh 20.01.15

Tha obair air structar cheumannan ùra na laimrig a’ dol air adhart, le stàlachadh air poidhlichean dìonadair agus cabhsair timcheall air 50% crìochnaichte. Tha an cunnradair aig ìre stèidheachaidh air suidheachadh ùr airson ruigheachd air na poidhlichean a tha air fhàgail a tha gu bhith air an dràibheadh ann an ùine nach bi fada, ma cheadaicheas an aimsir.

Tha an cunnradair cuideachd ag obair air leasachaidhean taobh a’ chladaich a ghabhas trafaig charbadan nuair a bhios seirbheisean aiseig air an gluasad bho Bhàgh Uamhais gu Guireag.

Ùr-fhiosrachadh 25.11.14
Tha George Leslie Eta air fhastadh airson structar Cheumannan ùra Laimrig a thogail ri taobh slighe an alt-aiseig a bhios an àite structar Cheumannan Ceann na Creige a th’ ann, agus cuideachd obair cladaich a leasaicheas sruthadh luchd-siubhail is trafaig timcheall Port-aiseig Ghuireig.  Thòisich an obair air an làraich air 10 Samhain 2014 agus tha an cunnradair gu làithreach ag ullachadh obair shealach a cheadaicheas dhaibh obrachadh air cabhsair thairis air uisge airson nan Ceumannan Laimrig a thogail. Tha an obair uile air a planadh agus gu bhith dèante ann an ìrean gus troimh-chèile sam bith le tìmean sheirbheisean aiseig agus troimh-chèile san fharsaingeachd a sheachnadh far an gabh sin a dhèanamh, agus tha iad gu bhith crìochnaichte ro 31 Faoilleach 2015.

Pròiseact

Tha farsaingeachd na h-obrach co-cheangailte ri togail air laimrig ùr aig Port-aiseig Ghuireig ann an Inbhir Chluaidh gus 3 aiseagan in-sgòp luchd-siubhail a-mhàin a ghabhail, a tha gu làithreach ag obrachadh bho dhiofar laimrigean sa phort-aiseig.

Bidh obair leagail air structaran stàilinn is fiodha air nach eil feum agus a tha gu làithreach          a’ dèanamh suas balla aghaidh structar na slighe alt-aiseig, air a ghabhail os làimh agus air a leantainn le 6 cabhsairean ùra obair-stàilinn, gach aon dhiubh air an suidheachadh aig diofar ìrean gus dèiligeadh leis na h-aiseagan in-sgòp aig diofar staidean de mhuir-làin, a bhios air an tacsadh le poidhlichean stàilinn pìobach. Bidh na cabhsairean fa leth air an ceangal ri chèile le staidhre agus bidh aon de na cabhsairean ceangailte ri leac slighe an alt-aiseig tro rampa ruigheachd stàilinn. Taobh na mara de na cabhsairean tha sreath de phoidhlichean dìonadair stàilinn pìobach far an urrainn do shoithichean acrachadh. Anns gach aon de na poidhlichean sin, bidh aonad dìonadair rubair, bracaidean airson ceangal acraichean agus dubhain airson loidhnichean acrachaidh. Bidh na poidhlichean uile air an cur nan àite le siostam Dìon Cathodic.

Tha an Cunnradh seo cuideachd a’ gabhail a-steach stàlachadh air solais ùra sìos leac inntrigidh an alt-aiseig gus solas a thoirt do chabhsairean agus do cheumannan ùra na laimrig. Bidh an laimrig ùr air a solarachadh le àite dealain airson plugadh a-steach agus àite airson uisge ùr air aon de na cabhsairean gu h-àrd, gus cuideachadh le glanadh air na cabhsairean a chumail suas nuair a thathar gan cleachdadh.”

 


Slighe-coiseachd Ùr aig Port-aiseig Loch Àlainn

Chuireadh crìoch o chionn ghoirid air sgrùdadh talmhainn aig a’ phort-aiseig a bhios a’ biathadh a-steach don phròiseas tairgse airson structar slighe-coiseachd ùr.

Bidh fiosrachadh agus toraidhean an sgrùdaidh a’ biathadh a-steach don phròiseas deilbh is tairgse airson an structair ùir, a bhios a’ dol an àite na slighe-coiseachd làithreach eadar na structaran Dolphin A-staigh agus A-muigh.

Chaidh cunnradh a bhuileachadh air Alchemy airson obair càraidh air an structar tonn-chasg eadar an cladach agus an structar Dolphin A-staigh a thuilleadh air càraidhean beaga air structaran eile aig a’ phort-aiseig.

Ùr-fhiosrachadh 20.01.15
Tha obair càraidh dheatamach air an tonn-chasg air cùlaibh an structair taobhaidh a’ dol air adhart agus thathar an dùil tòiseachadh air obair-càraidh eile air an structar taobhaidh a dh’aithghearr.

Slighe-coiseachd ùr Loch Àlainn
Tha tairgse airson ionadachadh air an t-slighe-coiseachd dhùinte a-staigh gu a-muigh aig Loch Àlainn ri thòiseachadh ann an ùine ghoirid. Bheir seo air ais modh-obrach a tha am bith a thaobh ruigheachd criudha CFL air soithichean nuair a tha iad ag acrachadh airson an h-oidhche.