Cur-air-bhog Catriona

Chaidh an MV CATRIONA  a chur air bhog air Abhainn Chluaidh air 11 Dùbhlachd ann an gàrradh-iarainn Ferguson Marine Engineering Eta (FMEL) ann am Port Ghlaschu.

Chaidh an t-aiseag as ùire againn a chur air bhog leis a’ Bh-ph Anna Østergaard, bean-chèile a’ Chathraiche againn, Erik Østergaard, a thuirt cho pròiseil ’s a tha sinn gun deach an deilbh agus an togail air an aiseag ùr a chur an gnìomh ann an Alba, a’ cumail traidisean uailleil de thogail shoithichean a’ dol air Abhainn Chluaidh.

DSC_0020-664x520a

Bha Derek MacAoidh, Ministear Còmhdhail is Eileanan, a’ frithealadh an tachartais agus thuirt e gun robh an fhoillseachadh oifigeil air an MV CATRIONA a’ comharrachadh clach-mhìle eile ann an leasachaidhean Riaghaltas na h-Alba air a’ chabhlach a bha a’ frithealadh lìonra Chluaidh agus Innse Gall.

Thuirt e:

“Chan eil liubhairt air an trìtheamh soitheach tar-chinealach seo a-mhàin a’ daingneachadh dealas Riaghaltas na h-Alba a thaobh ar cabhlach aiseagan a dhèanamh seasmhach agus earbsach, ach tha e cuideachd a’ mòr-thaisbeanadh an eòlais a tha ri fhaotainn ann an gàrradh-iarainn FMEL. Bidh an teicneòlas a chaidh a chleachdadh air an t-soitheach ùr seo a’ ciallachadh gum bi i eìfeachdach a thaobh connaidh agus gum bi na cosgaisean cumail-suas nas ìsle, ach aig an aon àm a’ dèanamh cinnteach à seirbheis àrd-chàileachdail do luchd-siubhail.

“Tha Riaghaltas na h-Alba air £1 billean inbheisteadh ann an soithichean, puirt agus seirbheisean aiseig bho 2007. Le òrdugh de £97 millean dèante airson dà shoitheach ùr don chabhlach – cuideachd rin togail ann an gàrradh-iarainn FMEL air abhainn Chluaidh – bidh tuilleadh deagh naidheachd ri thighinn do na coimhearsnachdan eileanach againn.”

Tha deuchainnean mara an MV CATRIONA clàraichte airson tòiseachadh as t-Earrach 2016 agus tòisichidh i san t-seirbheis a’ leantainn air deuchainnean agus teisteanachadh. Thèid an t-slighe airson an aiseig seo ainmeachadh le CalMac Ferries Eta faisg air toiseach na bliadhna 2016.

Tha an t-soitheach a chosg £12.3 millean na h-inbheisteadh a bharrachd le Riaghaltas na h-Alba ann an cabhlach Seirbheis Aiseagan Chluaidh is Innse Gall aig CMAL agus is i a’ chiad soitheach air a togail le Ferguson Marine Engineering Eta (FMEL), air an deach an cunnradh a bhuileachadh san t-Sultain 2014, a’ leantainn air iad gnothachas Ferguson Shipbuilders a cheannach. Chaidh an dà shoitheach tar-chinealach roimhe sin a thogail san aon ghàrradh-iarainn cuideachd.

 

Gearradh an stàilinn

Chomharraich a’ Chiad Mhinistear Nicola Sturgeon toiseach togail air an MV CATRIONA nuair a thadhail i air Ferguson Marine Engineering Eta (FMEL) air Abhainn Chluaidh air 19 Dùbhlachd 2014.

As part of the ceremony, Ms Sturgeon started the computer-guided laser to cut the first steel. She also toured the facility and met some of the workforce who built the two previous hybrid ferries, including the MV HALLAIG, launched by Ms Sturgeon in December 2012.

Thuirt a’ Bh-uas Sturgeon:

Tha mi air leth toilichte cuireadh fhaighinn gu pàirt a ghabhail anns an tachartas gearradh stàilinn seo, a’ comharrachadh toiseach na h-obrach air an trìtheamh aiseag tar-chinealach ann an Alba.

Tha an inbheisteadh seo le Riaghaltas na h-Alba a’ nochdadh an earbsa a tha iad a’ cur nar gnìomhachas togail shoithichean,  agus a’ sealltainn gu bheil Alba a’ fuireach aig fìor thoiseach deilbh is ùr-ghnàthachadh aiseagan. Tha sinn airson gum bi ar n-aiseagan seasmhach agus earbsach. Bidh an t-soitheach ùr seo èifeachdach a thaobh connaidh agus le cosgaisean cumail nas ìsle, ach aig an àm cheudna a’ dèanamh cinnteach à seirbheis àrd-chàileachdail do luchd-siubhail.

Tha mi a’ guidhe gach soirbheas don ghàrradh-iarainn leis a’ phròiseact seo agus a’ coimhead air adhart ri Slige 727 fhaicinn a’ gabhail chun an uisge ann an 2016.


Thuirt Erik Østergaard, ar Cathraiche:

Tha an t-seirbheis gearradh stàilinn an-diugh a’ comharrachadh a’ chiad chlach-mhìle ann an togail aiseag ùr tar-chinealach do dh’Alba, fhad ’s a tha an obair air a togail a’ tòiseachadh. Bidh Slige 727 mar an trìtheamh soitheach tar-chinealach sa chabhlach againn, a’ neartachadh ar dealais a thaobh deilbh agus teicneòlas ùr-nodha a chleachdadh airson aiseagan ùr-ghnàthach, seasmhach agus earbsach a thogail.”

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ris an t-soitheach ùr tar-chinealach a dhol don t-seirbheis ann an 2016 còmhla ris an MV HALLAIG agus an MV LOCHINVAR, na h-aiseagan tar-chinealach a th’ againn mar-thà. Is e seo an atha cheum nar planaichean àrd-amasach ath-ùrachaidh air a’ chabhlach againn, gus a dhèanamh cinnteach gum bi ar n-aiseagan a’ cumail a’ coileanadh feumalachdan nan coimhearsnachdan a tha sinn a’ frithealadh.

 

Cunnradh airson Trìtheamh Aiseag Tar-chinealach air a bhuileachadh

Chaidh an cunnradh £12.3 millean airson ar trìtheamh aiseag tar-chinealach a thogail, aithnichte bho thùs mar Slige 727, a bhuileachadh air Ferguson Marine Engineering Eta anns an t-Sultain 2014 agus b’ e a’ chiad phrìomh aonta don chompanaidh an dèidh a thoirt thairis le Clyde Blowers Capital. Tha an inbheisteadh le Riaghaltas na h-Alba, a bhios air adhartachadh le CMAL, a’ gleidheadh timcheall air 80 obair ann an sgìre Phort Ghlaschu agus Inbhir Chluaidh, mòran dhiubh a bha air am fastadh le sealbhadair a’ ghàrraidh-iarainn roimhe agus a bha ag obair air a’ chiad dà aiseag tar-chinealach.

Bha farpais againn airson ainm a thaghadh don aiseag ùr san Ògmhios 2015 agus dh’ainmicheadh san Iuchar gun robh MV CATRIONA air an àireamh a b’ àirde de bhòtaichean fhaighinn, le 44% den bhòt. Is i an trìtheamh aiseag ann an Clas Litreachais Alba. Is e Catriona tiotal an nobhail a sgrìobh Robert Louis Stevenson ann an 1893 agus e a’ leantainn air an sgeul dàn-thuras air a’ Ghàidhealtachd, Kidnapped, a’ leantainn tuilleadh ghnìomhan bhon ghaisgeach, Daibhidh Balfour.

Cuirear an t-soitheach ùr air bhog ann am Port Ghlaschu air 11 Dùbhlachd 2015, mus tèid i a-steach don t-seirbheis san earrach 2016.

 

Ùr-fhiosrachadh 11 Samhain 2015

Tha obair air an MV CATRIONA a’ dol gu math, leis gach earrann a bha rin dèanamh a-nis crìochnaichte air an t-slighe foillseachaidh agus deiseil airson cur-air-bhog ann am mìos eile air 11 Dùbhlachd 2015.

Tha deuchainnean factaraidh air uidheam crìochnaichte, le einnseanan, bùird-suidse, aonadan proipeileir agus bataraidhean uile air an deuchainneadh. B’ e an deuchainn factaraidh mu dheireadh, deuchainn ‘sreang’ air bataraidhean, bùird-suidse, aonadan dràibhidh, sìos gu motairean prop air an gleidheadh ann an Rotterdam bho 2 Samhain. Tha an t-uidheam uile a-nis air a liubhairt don ghàrradh-iarainn agus cuirear e an sàs ron fhoillseachadh.

A’ leantainn air an fhoillseachadh, bidh coimiseanadh air an uidheam a’ gabhail àite mus gabhar ri slighean calaidh agus deuchainnean mara a bhios gan coileanadh sa Mhàrt 2016.

 

Ùr-fhiosrachadh mun togail

An Lùnastal 2015 – Dèanamh crìochnaichte

Tha an togail air an MV CATRIONA a’ dol air adhart gu math agus air buidseat airson a cur-air-bhog nas fhaide air adhart am-bliadhna. Chaidh100 sa cheud den dèanamh a choileanadh an t-seachdain-sa agus tha an t-slige a-nis crìochnaichte. Tha an gàrradh-iarainn a’ gabhail dheuchainnean factaraidh air uidheam os làimh agus a’ cur gineadairean agus pumpaichean an sàs. Bidh am peantadh a’ dol air adhart an-ath-sheachdain. Chaidh an t-soitheach a sgrùdadh le Lloyds san t-seachdain a’ tòiseachadh 24 Lùnastal.

Crews-Mess-units-31-and-32

Week-33-Pan-View

Wheelhouse-ready-for-Turning

An t-Ògmhios 2015 – A’ Tighinn Thuige

An Tar-chinealach III a’ gabhail cumadh leis na h-earrannan stàilinn mu dheireadh gan cur an sàs air an leathad-luinge.

Is e alman a th’ anns a’ chòrr de na h-aonadan agus thathar gan dèanamh am broinn nan seadachan a-nis agus thar nam beagan mhìosan a tha romhainn.

An Giblean 2015 – Ùr-fhiosrachadh mu adhartas

Tha adhartas air an Tar-chinealach III a’ dol gu math, an taobh a-staigh buidseat agus ann an àm. Tha sia aonadan a-nis air an leathad-luinge.

Tha an togail fhathast gu bhith deiseil airson fhoillseachadh ro dheireadh na bliadhna.

Bidh deuchainnean factaraidh air uidheam leithid einnseanan agus aonadan tacsa a’ gabhail àite thar nam beagan mhìosan a tha romhainn.

An Gearran 2015 – Stèidheachadh druim-luinge

Seachdain 9 den togail agus tha a’ chiad dà aonad (aonad bloc a h-aon agus aonad bloc a dhà) air an càradh air an làrach-acrachaidh ann an gàrradh-iarainn Ferguson.

Tha an dà aonad sin nam blocaichean làn-leud tarsainn meadhan an t-soithich eadar an dà sheòmar einnsein.

Dìreach clì air a’ mheadhan, mar a choimheadas tu chì thu tanca connaidh an t-soithich, deas air an seo tha an doras dìonach a dh’fhosgaileas eadar an dà sheòmar einnsein agus chun na làimh dheis air slige an t-soithich, chì thu na trì fosglaidhean a tha nan in-chur mara gu fuaradairean an innealraidh.

Am Faoilleach 2015

Tha obair air an Tar-chinealach III ag adhartachadh gu math aig Ferguson Marine Engineering Eta (FMEL) agus cuirear an druim sìos sna seachdainean a tha romhainn.

Gu h-ìosal, chithear ìomhaigh de dh’aonad ann an seada dèanamh agus cur ri chèile.

Tha am prìomh innealradh air fad air òrdachadh agus tha an t-soitheach air buidseat agus an taobh a-staigh a’ phlana ama.