Eachdraidh ar n-aiseagan tar-chinealach

Leugh tuilleadh mun MV Hallaig
Leugh tuilleadh mun MV Lochinvar
Leugh ùr-fhiosrachadh air togail an MV Catriona

Sa Ghearran 2011, dhaingnich Keith Brown, Ministear Còmhdhail is Bun-structair maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba gu CMAL airson Pròiseact Aiseagan Tar-chinealach beag-sgaoilidh, a tha air a’ chiad aiseag tar-chinealach dealain dìosail Roilig Air is Dheth airson carbadan is luchd-siubhail air an t-saoghal, fhaicinn ga dheilbh agus ga thogail ann an Alba.

San Dùbhlachd 2011, fhuair am pròiseact maoineachadh a bharrachd de £450,000 bho Mhaoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa (ERDF).

Bha Ferguson Shipbuilders Port Ghlaschu ann an Alba ag obair taobh ri taobh le Seatec, na speisealaichean deilbh shoithichean stèidhichte ann an Glaschu agus leis na speisealaichean dealain Tec-Source, airson an dà aiseag tar-chinealach thùsail uidheamachadh. Chaidh  a’ chiad tè dhiubh, an MV HALLAIG, a chur air bhog le Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, air 17 Dùbhlachd 2012. Leanadh seo beagan mhìosan às dèidh sin leis an dàrna h-aiseag, an MV LOCHINVAR, a chuireadh air bhog air 23 Cèitean 2013 leis a’ Bh-ph Patricia Platten, bean-chèile an CEO a bha aig CMAL roimhe, Guy Platten. Chaidh an trìtheamh aiseag tar-chinealach, an MV CATRIONA, a choimiseanadh le CMAL san t-Sultain 2014, cuideachd ri bhith air a togail ann am Port Ghlaschu le Ferguson Marine Engineering Eta. Tha i a’ cosg £12.3 millean agus cuirear air bhog i san Dùbhlachd 2015 agus a’ tòiseachadh san t-seirbheis as t-earrach 2016.

Tha na h-aiseagan a bhios air an ruith leis a’ chompanaidh làithreach, CalMac, air an deilbh airson an cleachdadh air mòran de na slighean goirid timcheall Abhainn Chluaidh agus Innse Gall, agus cleachdar cuid den teicneòlas ‘uaine’ ùr as ùr-ghnàthaichte, a’ gabhail a-steach bancaichean bhataraidhean a’ solarachadh aig a’ char as lugha 20% den chumhachd a bhios air a chaitheamh air bòrd.

Chaidh an MV HALLAIG a-steach don t-seirbheis san t-Samhain 2013, a’ frithealadh choimhearsnachdan san Eilean Sgitheanach agus Ratharsaigh, leis an MV LOCHINVAR a’ dol a-steach don t-seirbheis san Dùbhlachd 2013, a’ frithealadh na slighe eadar Tairbeart Loch Fìne gu Port a’ Mhadaidh. Ainmichidh a’ chompanaidh an t-slighe don MV CATRIONA tràth ann an 2016.

Tha na trì aiseagan tar-chinealach uile a’ cleachdadh siostam tar-chinealach càrbain ìosal a tha a’ cothlamadh cumhachd dìosail traidiseanta le lùth bataraidh dealain. Tha an siostam a’ leantainn gu lùghdachadh ann an caitheamh connaidh fosail agus sgaoilidhean càrbain. Gabhaidh gach aiseag 150 neach-siubhail, 23 càraichean no 2 HGV, le astar seirbheis de naoi mìltean-mara agus tha i air a cumhachdachadh le seatan de ghineadairean beaga dìosail a’ biathadh cumhachd gu bòrd-suidse de 400 bholt, a tha a’ solarachadh cumhachd gu motairean iomain dealain a tha a’ tionndadh nan aonadan iomain.

A thuilleadh air an sin, tha dà bhanca bataraidh liteam-ion de 700kWh guh-iomlan a’ solarachadh cumhachd gu na h-aonadan cuideachd. Tha na bancaichean bataraidh air an ath-neartachadh tron oidhche bhon phrìomh shruth-dealain.

Bho anailis aguis figearan a fhuaireadh aig àm dheuchainnean agus obrachaidhean an MV HALLAIG, tha na soithichean tar-chinealach comasach air caitheamh connaidh a lùghdachadh suas ri 38% ann an coimeas ri soitheach den aon mheud a tha air a cumhachdachadh san dòigh àbhaisteach. Bidh an lùghdachadh ann an caitheamh connaidh a’ toradh ann an lùghdachadh ann an sgaoilidhean CO2 bho gach soitheach de chòrr agus 5,500 tonna thar beatha nan soithichean, le lùghdachadh co-rèireach de leithid ann an sgaoilidhean pronnaisg agus naitreadsan ogsaid. Tha an rèiteachadh air an innealradh ag adhbhrachadh ìre àrd de neo-fheum air uidheam, a’ ceadachadh don t-soitheach leantainn air adhart na h-obair ged a dh’fhàilligeadh einnsean no le dìth cothrom air connadh airson adhbhar air choreigin, agus le comas cuideachd air an t-seirbheis Sàbaid eadar Ratharsaigh agus Sgonnsar obrachadh air bataraidhean a-mhàin le neoini sgaoilidhean bhon t-soitheach.

An bhidio bho Imtech mun Teicneòlas Stiùireadh Lùith a tha ga chleachdadh.

Tha sinn a’ coimhead cuideachd ris a’ chomas air lùth bho shiostaman ionadail gaoithe, thonn no grèine a chleachdadh airson na bataraidhean ath-neartachadh, a’ dèanamh a’ phròiseis buileach nas freagarraiche don àrainneachd.

Chuidich an inbheisteadh agus an togail air a’ chiad dà shoitheach aig gàrradh-iarainn Ferguson ann am Port Ghlaschu le taic a chur ri 175 obair agus 20 preantasachd sa choimhearsnachd ionadail, agus taic do fhàs air eaconamaidh Inbhir Chluaidh. Sholaraich an trìtheamh aiseag tar-chinealach cuideachadh do Ferguson Marine Engineering Eta, a bha air ùr-chruthachadh, pàirt de Clyde Blowers Capital, a’ faotainn obraichean tèarainte sa ghàrradh-iarainn le mòran dhiubh a bha nan cosnaichean aig Ferguson, an sealbhadair roimhe sin, agus a bha ag obair air a’ chiad dà aiseag.

Tha na soithichean a’ làn ghèilleadh do riaghailtean is inbhean sàbhailteachd na Roinn Eòrpa airson soithichean luchd-siubhail co-cheangailte ri soithichean a’ dol gu muir, a’ ceadachadh dhaibh obrachadh ann an raointean nach eil ann an comasachdan shoithichean eile a tha air an deilbh gus obrachadh ann an uisgeachan seòrsaichte don RA  a-mhàin. Tha iad air an uidheamachadh le siostaman proipeileir agus rèiteachadh a thaobh rampaichean charbadan air an leudachadh a’ ceadachadh ruigheachd air àireamh mhòr de laimrigean air feadh coasta an iar Alba ann an diofar sheòrsaichean aimsir agus mara.

Thar nam beagan bhliadhnaichean a tha romhainn, tha prògram àrd-amasach againn de ath-nuadhachadh air a’ chabhlach iomlan agus tha sinn dealasach a thaobh na slighe a stiùireadh ann an deilbh ùr-ghnàthach agus seasmhach air aiseagan. Tha am pròiseact seo air cothrom coimearsalta mìorbhaileach a sholarachadh do dh’Alba agus tha e a’ sealltainn mar a tha sinn mar nàisean a’ stiùireadh slighe ann an deilbh agus togail shoithichean a tha gun choimeas.

Chaidh an MV Catriona a chur air bhog leis a’ Bh-ph Anna Østergaard, bean-chèile Erik Østergaard an Cathraiche againn, air Dihaoine 11 Dùbhlachd aig 11m. Airson ùr-fhiosrachadh mun togail agus dealbhan is bhidio den fhoillseachadh, gliogaibh an seo.

San dealbh gu h-ìosal tha Alex Neil, an Rùnaire Caibineit airson Bun-structar is Inbheisteadh, Duncan McNeil, BPA airson Grianaig is Inbhir Chluaidh, Guy Platten, an CEO a bh’ againn roimhe, Richard Deans MD aig Ferguson agus Raymond Brown, am Manaidsear Toraidh aig Ferguson, a chruinnich ann an Gàrradh-iarainn Ferguson ann am Port Ghlaschu airson buileachadh air a’ chunnradh san t-Samhain 2011, ainmeachadh.

 

Dealbhan den MV Hallaig agus an MV Lochinvar

Ìos-lodaidhean