PM CLA 003 – Obair air bacaidhean is feansadh Chlòineig
Bhuilich sinn an cunnradh o chionn ghoirid airson na bacaidhean agus an fheansadh aig Port Aiseig Chlòineig a chàradh ’s a dhèanamh suas. Bidh an obair a’ tòiseachadh air an làraich sa Ghiblean.

 

PM COL 001 – Càraidhean air cidhe Cholla
Chuir sinn crìoch o chionn ghoirid air a’ chunnradh airson obair càraidh air diofar bhacaidhean agus clàr-deic a’ chidhe aig port aiseig Cholla. Bha an obair cuideachd a’ gabhail a-steach càraidhean air pìlichean neo-iomlan agus fàraidhean sa phort gun-aiseag.

 

PM CSA 004 – Obair ùrachaidh dealain a-muigh agus solais Cholbhasaigh
San àm ri teachd, bidh sinn a’ foillseachadh tairgse mu choinneamh ùrachadh air uidheam dealain a-muigh agus solais aig Port Aiseig Cholbhasaigh, a’ gabhail a-steach stàlachadh air uidheam solais LED.

 

PM CSA 005 – Ath-uachdaradh raon marasglaidh Cholbhasaigh agus obair leasachaidh air stiùireadh trafaig
San àm ri teachd, bidh sinn a’ foillseachadh tairgse airson an raon marasglaidh ath-ùrachadh agus ath-loidhneachadh ann an Colbhasa, a’ gabhail a-steach stèidheachadh air geataichean is bacaidhean.

 

PM GOU 002 – Obair ùrachaidh dealain a-muigh agus solais Ghuraig
San àm ri teachd, bidh sinn a’ foillseachadh tairgse airson na h-obrach an lùib ùrachadh air uidheam dealain a-muigh agus solais aig Port Aiseig Ghuraig, a’ gabhail a-steach stèidheachadh air uidheam solais LED.

 

PM LRA 003 – Obair leasachaidh bhacaidhean is ionad sgudail Loch Raonasa
Bhuilich sinn o chionn ghoirid an cunnradh airson na bacaidhean aig Port Aiseig Loch Raonasa a chàradh agus ùrachadh, tha an obair a’ gabhail a-steach nan goireasan sgudail. Bidh an obair a’ tòiseachadh air an làraich sa Ghiblean.

 

PM POR 002 – Obair ùrachaidh dealain a-muigh agus solais Phort a’ Mhadaidh
Chuir sinn crìoch o chionn ghoirid air obair ùrachaidh air uidheam dealain a-muigh agus solais aig Port Aiseig Phort a’ Mhadaidh, a’ gabhail a-steach stèidheachadh air uidheam solais LED.

 

PM PEL 003 – Obair stèidheachaidh cumhachd cladaich gu Cidhe Èis
San àm ri teachd, bidh sinn a’ foillseachadh tairgse airson na h-obrach an lùib stèidheachadh cumhachd tìre gun Chidhe Èisg ann am Port Ilein.

 

PM TAR 001 – Obair ùrachaidh dealain a-muigh agus solais air an Tairbeart (Na Hearadh)
Chuir sinn crìoch o chionn ghoirid air obair ùrachaidh air uidheam dealain a-muigh agus solais aig Port Aiseig an Tairbeirt, a’ gabhail a-steach stèidheachadh air uidheam solais LED.

 

PM TIR 006 – Ath-uachdaradh air raon marasglaidh Thiriodh agus obair leasachaidh air stiùireadh trafaig
Tha sinn gu làithreach a’ deilbh leasachaidhean air an raon marasglaidh agus goireasan parcaidh aig Port Aiseig Thiriodh. Bidh an obair sin foillsichte air PCS thar nam mìosan a tha ri thighinn.

 

PM TOB 001 – Obair ùrachaidh dealain a-muigh agus solais ann an Tobair Mhoire
Bidh sinn ag ùrachadh an uidheam dealain a-muigh agus na solais aig Port Aiseig Thobair Mhoire. Tha seo gu làithreach aig ìre dealbhaidh.

 

PM WEM 002 – Obair ùrachaidh dealain a-muigh agus solais
Tha sinn an impis crìoch a chur air obair ùrachaidh air an uidheam dealain a-muigh agus na solais aig Port Aiseig Uamhais, a’ gabhail a-steach stèidheachadh air uidheam solais LED. Bha an obair a’ gabhail a-steach ùrachadh air an t-solar cumhachd a’ tighinn a-steach don phort.

 

PM FEN 001 – Stàlachadh lìonra sprùillich air Dìonadairean MV
Chuir sinn crìoch o chionn ghoirid air obair an lùib stàlachadh air lìonra sprùillich air Loidhnichean Dhìonadairean MV aig puirt aiseig Innse Gall A-Muigh. Tha sinn air tairgsinn airson an Dàrna ìre (puirt Innse Gall A-Staigh). Bidh sinn a’ tairgsinn airson a’ chòrr de na puirt thar nam mìosan ri teachd.

 

PM LAD 001 – Fàraidhean teichidh gu deilfean togail Alt-aiseig
Tha sinn air tairgse fhoillseachadh airson stàlachadh air fàraidhean teichidh gu na deilfean togail aig na puirt ann an Innse Gall. Bidh sinn a’ dol gu tairgse san àm ri teachd airson stàlachadh ann am puirt Innse Gall A-Staigh agus a’ chòrr nas fhaid