Hybrid Ferry and Port Infrastructure Public Meeting Tuesday 21st May
10 May 2013


Sa Ghearan 2011, dhaingnich Ministear a’ Chòmhdhail agus a’ Bhun-structair, Keith MacIlleDhuinn, maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba gu Stòras Mara Cailleanach Earranta (CMAL) airson Pròiseact nan Aiseagan Dà-chonnaidh, far am facar a’ chiad aiseagean ROLO airson carbadan is luchd-siubhail le connadh dìosal is dealain air an t-saoghal dhan cruthachadh airson obrachadh an Alba.
Tha Gàradh-shoithichean MhicFhearghais, Port Ghlaschu, Alba a-nis ag obair ann an compàirteachas leis a’ chompanaidh de eòlaichean dealbhadh-soithich Seatec agus eòlaichean dealain Tec-Source, a tha le chèile stèidhte ann an Glaschu, airson an dà aiseag dà-chonnaidh a thogail. Chaidh a’ chiad aiseig, MV HALLAIG, a cur air bhog air 17mh Dùbhlachd le Iar-Chiad-Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon.
Tha na h-aiseagan, a thèid a ruith leis a’ ghnìomhaiche a tha an-dràsta an sàs ann an Seirbheisean Aiseig Innse Gall is Chluaidh, Aiseagan CalMac, air an dealbhadh airson an cleachdadh air an àireamh mhòr de shlighean goirid timcheall air Chluaidh is Innse Gall, a’ cleachdadh an teicneòlas ‘uaine’ as nua-thionnsgach, a’ gabhail a-steach bancaichean bataraidh a bheir cumhachd airson co-dhiù 20% den lùth a thèid a chaitheamh air bòrd.
Tòisichidh an MV HALLAIG san t-seirbheis as t-samhradh 2013, a’ seirbheiseachadh coimhearsnachdan san Eilean Sgitheanach agus an Ratharsair. Thèid an dàrna aiseag, an MV LOCH AN INBHIR, a cur air bhog air 23 Cèitean 2013, agus tòisichidh i san t-seirbheis nas fhaide air adhart ann an 2013, a’ siubhal eadar an Tairbeart agus Port a’ Mhadaidh.

Chaidh an dà aiseag an dealbhadh airson 150 neach-coiseachd a ghiùlan, cho math ri 23 càr no 2 HGV, le astar seirbheis de naoi mìle=mara. Gheibh an soitheach cumhachd bho sheataichean ginideach dìosal beaga, a’ toirt neart do suids-chlàr 400V, a bheir an uair sin cumhachd do mhotairean dealanach a thionndaidheas na propeilearan. Cuideachd, bidh na bancaichean bataraidh a’ toirt cumhachd airson an soitheach obrachadh.
Cuideachd, bidh dà bhanca bataraidh lithium-ion le cumhachd iomlan de 700kWh a’ cur cumhachd ris na h-aonadan, a’ lùghdachadh na thèid a chaitheamh de chonaidh is CO2 co-dhiù 20%. Thèid na bancaichean bataraidh an lìonadh le cumhachd tron oidhche le dealain bhon ghriod àbhaisteach.

Bheir dealbhadh is cruth dealain na soithich cuideachd lùghdachadh de 19-24% air cur-a-steach cumhachd, a’ toirt a-nuas na bhios ga leigeil ma sgaoil de Chàrbon Dà-ocsaid, Sulfar Ocsaid agus Naidhtrios Ocsaid.
Tha sinn cuideachd a’ sgrùdadh feuch an gabh lùth fhaighinn bhon ghaoth, bho thuinn no bhon ghrèin gu h-ionadail airson cumhachd a chur dhan na bataraidhean, a’ cruthachadh pròiseas a tha nas fheàrr buileach dhan àrainneachd. 
Tha an t-airgead a thathar a’ cur a-steach agus an togail den dà shoitheach aig Gàradh MhicFhearghais am Port Ghlaschu a’ cuideachadh ann a bhith a’ dìon agus a’ cruthachadh 175 obraichean agus 20 obraichean foghlamaiche-ciùird, a tha a’ cur taic ri fàs san eaconamaidh ionadail.
Tha a’ phròiseact a’ toirt gu buil deagh chothrom choimearsalta do dh’Alba gus sealltainn gu bheil sinn, mar dhùthaich, fad air thoiseach nuair a thig e gu bhith a’ dealbhadh agus a togail aiseagan ùra.
San dealbh gu h-ìosal, Rùnaire a’ Chaibineit airson a’ Bhun-structair agus Airgead-seilbh Calpa Alex Neil, Donnchadh MacNèill, BPA airson Grìanaig is Inbhir Cluaidh, Guy Platten Àrd-oifigear CMAL, Richard Deans MD, Gàradh MhichFhearghais agus Raymond MacIlleDhuinn, Manaidsear Obrach Ghàraidh MhicFhearghais, uile cruinn aig Gàradh-shoithich MhicFhearghais ann am Port Ghlaschu.

Seo an Iar-Chiad-Mhinistear, Nicola Sturgeon, san dealbh còmhla ri aon de na foghlamaichean-ciùird ùra aig a’ ghàradh-shoithich, agus a’ chiad foghlamaiche-ciùird boireann rìamh aig a’ ghàradh, Jill Hughes.

10 May 2013
04 April 2013
26 February 2013
20 February 2013