Cìsean Cala
Eachdraidh nan Cìsean Cala
Tha Cìsean
Cala rim pàigheadh aig gach cala CMAL leis gach neach-cleachdaidh;
Tha prìsean
air an ath-sgrùdadh agus air an ùrachadh gach bliadhna.
Tha na
cùmhnantan cleachdaidh airson gach Cala a’ bualadh air a h-uile
neach-cleachdaidh agus tha iad rim faighinn air an làrach-lìn seo.
Tha na cìsean a tha air an cruinneachadh air an cleachdadh gus cur ri goireasan cala agus bunstructair CMAL ann an Alba a ruith agus a leasachadh.
Chan eil buaidh aig na cìsean ùra seo air luchd-siubhail sam bith air aiseagan Calmac, ach dìreach air feadhainn eile a tha a' cleachdadh goireasan CMAL.
A’ Pàigheadh do Chìsean Cala
Tha grunn thiocaidean-ràitheil rin ceannach air-loidhne airson bàtaichean iasgaich agus bàtaichean spòrs.
Gheibhear tiocaidean airson laighe a-mhàin do bhàtaichean iasgaich no iomadach tiocaid-ràitheil dobhàtaichean iasgaich agus spòrs a’ gabhail a-steach laighe, cìsean luchd-siubhail agus criubha, cìsean malairt-eisg agus cìsean uisge.
Faodar cìsean a phàigheadh aig na puirt fhèin gach turas a thigear gu cala ma thogras sibh.
Aon uair ’s gun tèid cìsean a phàigheadh (air-loidhne no eile) thèid tiocaid meud cairt-creidis a' thoirt seachadle ainm an t-soithich agus fiosrachadh mu deidhinn cho math ri seòrsa tiocaid agus dè cho fad sa mhaireas i. Thèid iarraidh oirbh seo a shealltainn nuair a ruigeas sibh goireas CMAL. Chan fhaodar na tiocaidean a chleachdadh ach airson an t-soithich ainmichte a-mhàin.

