Calachan

Is e CMAL an t-Ùghdarras Cala ann an 24 àite agus tha seilbh aca air a’ bhunstructair puirt agus toglaichean anns gach suidheachadh.  Cuideachd, tha seilbh aig CMAL air grunn thoglaichean ann an diofar àiteachan co-cheangailte ri solar Sheirbheisean Aiseig Chluaidh agus Innse Gall.

’S e ar prìomhachas ro-innleachdail gach cala a chumail suas agus a leasachadh, gus calachan ùr-nodha agus dòighean-obrach aiseig a bhrosnachadh agus a sholarachadh air Chluaidh agus air feadh nan Innse Gall.

Mar Ùghdarras Reachdail nan Cala, tha grunn dhleastanasan agus dhlighean aig CMAL, a’ gabhail a-steach:

  • Dleastanas cùraim airson gach neach-cleachdaidh puirt
  • Uallach gus gach cala a dhìon agus cleachdadh sàbhailte a bhrosnachadh
  • Dleastanas airson èifeachdas, eaconamachd agus sàbhailteachd san obrachadh, a thaobh nan seirbheisean agus goireasan a th’ air an toirt seachad
  • Dlighe gus gnìomh sam bith a ghabhail os làimh a thaobh cumail suas, obrachadh agus leasachadh nan cala.

 

Pròiseactan
ùra

Latest projects

Faigh a-mach mu phròiseactan chala ùr air a bheil sinn ag obair.

Seall air pròiseactan »

Pàigh cìsean air-loidhne

Latest projects

Pàigh do chìsean cala air-loidhne le cairt creidis.

Pàigh an-dràsta »

Far a bheil sinn

You must have Javascript enabled to view this map

Puirt eile

Tha na puirt a leanas air an cleachdadh le aiseagan a bhuineas do CMAL ach chan e CMAL an t-ùghdarras cala air an son. Cuir fios chun ùghdarras cala fhèin le ceistean sam bith mu na h-àiteachan sin. 

Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid
Achadh na Croise
Creag an Iubhair
Dùn Obhainn
Giogha
Port Asgaig
Baile Bhòid
Taigh an Lòin

Comhairle na Gàidhealtachd
Eige
Eilean nam Muc
Ratharsair
Rùm
Sgusair
Ùige

Ùghdarras Port Mhalaig
Malaig

Urras Nàiseanta na h-Alba
Canaigh

Ùghdarras Port Steòrnabhaigh
Steòrnabhaigh

Ùghdarras Port an Tairbeart
Tairbeart Loch Fìne

Urrasairean Cala Ulapul
Ulapul

Comhairle nan Eilean Siar
An Àird Mhòr
Èirisgeigh
Beàrnaraigh
An t-Òb
Loch nam Madadh