Aiseagan
Tha sealbh aig CMAL air 30 aiseag. Giùlainidh na h-aiseagan sin, a tha air an ruith le Aiseagan Calmac (CFL) Aiseagan Rathlin agus Aiseagan Chòmhaill, eadar 5 agus 123 càraichean. Tha luach £83m anns a' chabhlach air fad.
Le iomadach goireas agus feart air bòrd air an dealbh gus siubhal sàbhailte, comhartail a thabhann do luchd-siubhail, tha na h-aiseagan air fad air an togail gu h-àraid airson na puirt a tha iad a' frithealadh ach gabhaidh an cleachdadh air slighean eile cuideachd.
Tha CMAL ag amas anns an àm ri teachd gum bi ar cabhlach air fad nas ùire na 30 bliadhna. Faigh a-mach bàrrachd mun chabhlach againn tro na ceanglan air an làimh chlì.
Fiosrachadh mu na Bàtaichean
Bàta as motha
’S i MV Eilean Leòdhais am bàta as motha sa chabhlach againn. Chaidh a togail an gàradh Fergusons ann am Port Ghlaschu ann an 1995. Tha MV Eilean Leòdhais a’ frithealadh an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul agus giùlainidh i 123 càr agus 970 luchd-siubhail.
Bàta as ùire
’S i am bàta as ùire dhen chabhlach againn an MV Fionn Lagan, a chaidh a chur air bhog ann an 2011 le Stocznia Remontowa ann an Gdansk sa Phòlainn. Tha an MV Fionn Lagan a’ siubhal eadar Ceann Tìre agus Ìle.
Bàta as sine
’S i am bàta as sine sa chabhlach againn an MV Eilean Eige, a chaidh a thogail ann an 1974 le Seumas Lamont & Co Earr. am Port Ghlaschu agus a tha air a bhith san t-seirbheis bho 25 Gearran 1975
Gan togail an-dràsta
Chan eil aiseagan sam bith gan togail an-drasta.
