Wemyss Bay Updates

Tha Stòras Mara Chailleanach Eta (CMAL) air crìoch a chur air prògram togail sia-mìosan aig Port-aiseig Bhàgh Uamhais agus tòisichidh seirbheisean aiseig a-rithist air Dihaoine na Ceusta (25 Màrt). Tha am port air a dhol fo leasachadh is inbheisteadh de £6 millean gus seirbheis shàbhailte, èifeachdach agus earbsach a chur an gnìomh gu Baile Bhòid.

Aig àm na h-obrach, bha na seirbheisean aiseig air an gluasad san eadar-ama gu Guraig ach fosglaidh Bàgh Uamhais airson siubhal a-rithist ann an àm airson deireadh-seachdain na Càisge.

Mar phàirt den inbheisteadh, shuidich CMAL siostam ùr teàrnadaraidh an àite nan teàrnadairean fiodha a bh’ ann sa cheidhe, rinn iad ath-thogail air ceann concrait a’ cheidhe, dh’ath-ùraich iad an alt-aiseig agus chuir iad an sàs siostam dìon meirgidh. Tha am port air a dhreidseadh cuideachd.

Chaidh na leasachaidhean a ghabhail os làimh agus a chrìochnachadh ann an àm le George Leslie Eta, air an deach an cunnradh a bhuileachadh san Lùnastal 2015.

A’ toirt beachd air na leasachaidhean, thuirt Brian Sydney, Àrd-Innleadair Togail aig CMAL:

“Tha sinn air leth toilichte a bhith ag ath-fhosgladh a’ cheidhe gus am faod na seirbheisean aiseig tòiseachadh a-rithist ann an àm airson deireadh-seachdain na Càisge, mar a chuir sinn romhainn. Tha an sgioba pròiseict air a bhith ag obair cruaidh gus a dhèanamh cinnteach gun tachradh seo. Tha ar prìomh chunnradair gu sònraichte, George Leslie Eta, air obair ionmholt a dhèanamh gus am pròiseact a chumail ris an àm, gu h-àraid leis na stoirmean a bh’ ann sa gheamhraidh.”

Thuirt Iain McNaught, Stiùiriche George Leslie Eta:

“Tha liubhairt a’ phròiseict ann an àm a’ nochdadh creideas ana-mhòr san sgioba pròiseict, a bha     a’ cothachadh trona imsir a bu mhiosa sa gheamhradh, a’ gabhail a-steach na deich stoirmean seòrsaichte, gus an ceann-ama ath-fhosglaidh aig deireadh-seachdain na Càisge a choileanadh. Tha ar dìoghras a thaobh na cloich-mhìle seo a ruighinn, a’ nochdadh ar dìchill gu bhith a’ cur gu dearbhach ris na coimhearsnachdan sa bheil sinn ag obair.”

 


Categories: Press
Tags: