Tha aig buill den phoball le ùidh ann an adhartachadh cleachdadh air a’ Ghàidhlig gu 29 Iuchar airson am beachd a thoirt seachad air a’ Phlana Ghàidhlig 2016 gu 2019 aig Stòras Mara Cailleanach Eta.

Tha a’ Ghàidhlig air a labhairt fada is farsaing anns na coimhearsnachdan a tha gam frithealadh le Stòras Mara Cailleanach Eta (CMAL) ann an Innse Gall agus tha am buidheann ag ath-ùrachadh a dhealas a thaobh a dhèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig laidir agus seasmhach ann an Alba san àm ri teachd.

Tha clàr-ama de ghnìomhachd thairis air trì bliadhna ann am Plana Gàidhlig CMAL, a’ gabhail a-steach an uimhir de shusbaint ioma-mheadhanan Gàidhlig air an làraich-lìn chorporra; tionndadh Gàidhlig den mhodh ghearanan agus am faotainneachd, nuair a dh’iarrar e, de luchd-labhairt Gàidhlig aig coinneamhan poblach.

Thuirt Kevin Hobbs, an CEO aig CMAL:

“Ma tha a’ Ghàidhlig gu bhith air a h-ath-bheothachadh mar chànan beò ann an Alba, tha e cudromach gun dèan sinn oidhirp air a h-inbhe a neartachadh agus meudachadh na cleachdadh a bhrosnachadh. Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil barrachd ann as urrainn do CMAL a dhèanamh gus an cànan a neadachadh sa buidhinn againn ann an dòigh agus gum bi e na phàirt de ar smaoineachadh ro-innleachdail, ar pròiseas cho-dhùnaidhean agus ar planaichean liubhairt. Tha a’ cho-chomhairle fosgailte do na h-uile agus mholainn dhaibhsan leis am bu mhath cothrom air cur ris, sin a dhèanamh le bhith a’ cur a-steach am beachdan thugainn.”

Tha àireamh de ghnìomhan nan àite a-cheana aig CMAL bhon chiad Phlana Ghàidhlig a chaidh fhoillseachadh ann an 2010. Tha seo a’ gabhail a-steach suaicheantas corporra dà-chànanach agus soidhneachd ann am puirt is calaidhean agus togalaichean oifisean a tha ann an sealbh CMAL; tionndadh Gàidhlig den làraich-lìn agus den e-litir-naidheachd ràitheil aca; eadar-theangachaidhean Gàidhlig san aithisg bhliadhnail agus poileasaidh air a thoirt a-steach a tha a’ tairgsinn trèanadh Gàidhlig do luchd-obrach.

Chaidh Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 aontachadh le Pàrlamaid na h-Alba, a’ sùileachadh ri tèarainteachd a thoirt don Ghàidhlig mar chànan oifigeil ann an Alba, ag àithneadh spèis co-ionann ri Beurla agus tha Planaichean Gàidhlig nan riatanas reachdail do bhuidhnean poblach uile ann an Alba.

Gheibhear dreach den Phlana aig an seo agus pàrtaidhean le ùidh a’ faotainn cuireadh gu am beachdan sgrìobhte a thaobh na co-chomhairle a chur a-steach air post-d gu Susan.Williams@cmassets.co.uk  ro 29 Iuchar 2016.


Categories: Press
Tags: