San earrann seo, gheibh sibh foillseachaidhean bho CMAL airson an coimhead agus an luchdachadh sìos.

Solar

Plana Corporra is Plana Ro-innleachdail

Tha CMAL air an ro-innleachd aca airson an ama ri teachd a nochdadh, le foillseachadh air a’ Phlana Chorporra 3-bliadhna, 2016-19.

Bun-riaghailtean Coitcheann

Gu h-ìosal, gheibhear bun-riaghailtean coitcheann CMAL airson diofar thaobhan de ghnothachas làitheil.

Poileasaidh Àrainneachdail

Tha sinn ag amas air an àrainneachd a dhèanamh mar phàirt luachmhor de ar pròiseas liubhairt sheirbheisean le bhith ag obrachadh an taobh a-staigh Frèam Coileanaidh Nàiseanta Riaghaltas na  h-Alba airson Leasachadh Seasmhach. Faodaidh tu ar poileasaidh iomlan a luchdachadh sìos guh-ìosal.

Poileasaidh Slàinte is Sàbhailteachd

Tha sinn dealasach a thaobh ar gnìomhachdan a stiùireadh gus am bi iad a’ taisbeanadh ìre àrd de dhìon a thaobh slàinte is sàbhailteachd ar luchd-obrach. Faodaidh sibh ar poileasaidh iomlan a luchdachadh sìos gu h-ìosal.

Còd Sàbhailteachd Mara Puirt: Aithris Gèillidh

Faicibh ar Còd Sàbhailteachd Mara Puirt  – Aithris Gèillidh gu h-ìosal.

Plana Gàidhlig

Tha sinn air leth toilichte ar Plana Gàidhlig ùraichte a roinn leibh. Tha cothrom aig neach sam bith le ùidh ann an cleachdadh na Gàidhlig adhartachadh, am beachd a thoirt seachad air ar Plana Gàidhlig ùraichte airson 2016 gu 2019, suas gu 29 Iuchar. Tha an co-chomhairle fosgailte do gach neach agus tha sinn a’ misneachadh iadsan leis am bu mhath cur ris, sin a dhèanamh le bhith a’ cur a-steach am beachdan.

Gheibhear dreachd den phlana gu h-ìosal. Ma tha beachdan no ais-fhiosrachadh sam bith agaibh, feuch gun cuir sibh iad air post-d gu Siùsaidh NicUilleim aig Susan.Williams@cmassets.co.uk ro 29 Iuchar 2016.

Pàipear-taice: