Mar chompanaidh fo shealbh Mhinistearan na h-Alba, ’s e ùghdarras poballach a tha ann an CMAL fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002. Bho 1 Faoilleach 2005 tha fiosrachadh sam bith a tha air a chumail le CMAL fosgailte dhan phoball air iarraidh sgrìobhte, a bhàrrachd air rud no dhà air leth. Tha an seòrsa fiosrachaidh a tha CMAL a’ cur am follais tric air an sealltain ann an Sgeama Foillseachaidh CMAL. Gheibhear an sgeama a luchdachadh-a-nuas an seo (PDF, 0.04MB). Tha an sgeama ag ràdh gum faigh a’ phoball fiosrachadh a thaobh:

  • Seirbheisean
  • Cosgais nan seirbheisean
  • An ìre a choisinn nan seirbheisean
  • Fiosrachadh a thug buaidh air cò-dhùnaidhean
  • Cudthromachd don phoball
  • Foillseachadh de dh’adhbharan airson na cò-dhùnaidhean a chaidh a dhèanamh

Thèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air an sgeama foillseachaidh bho àm gu àm mar dhearbhadh air amas CMAL a bhith soillear agus fosgailte. Cuiridh sinn fàilte air beachdan sam bith a tha agaibh airson ar cuideachadh le seo.

Mar a nì sibh iarrtas

Feumar iarratasan airson fiosrachadh nach eil anns an sgeama a bhith ann an sgrìobhadh, ag innse dìreach dè am fiosrachadh a thathar a’ sireadh agus a’ toirt seachad seòladh. Tha post-d no facs cuideachd ceadaichte.

Post-d: FOI@cmassets.co.uk
Facs: 01475 745109
Post: Oifigear Saorsa Fiosrachaidh Corporra
CMAL
Togalaichean Munaiseapail
Sràid Fore
Port Ghlaschu
PA14 5EQ

Cuir “AIRSON OIFIGEAR SAORSA FIOSRACHAIDH CORPORRA” air iarrtas sam bith airson fiosrachaidh.

Thèid dèiligeadh ri iarrtas sam bith cho luath sa ghabhhas agus taobh-staigh clàir-ama Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002. Ma tha cìs ri phàigheadh, thèid fios a chur thugaibh ro-làimh, seach gu feumar a’ chìs sin a phàigheadh mus tèid a’ cheist a fhreagairt.

Mion-chunntas Tuarasdail

A’ leantainn chleachdaidhean an Riaghaltais, airson a bhidh soilleir agus fosgailte, bidh CMAL a’ foillseachadh fiosrachadh air tuarasdal an sgioba stiùiridh againn.

Farsaingeachd Tuarasdail Ainm Dreuchd
£90,000 – £94,999 Tom Docherty Stiùriche riaghladh
Salary Range Name Position
£97,025 to £99,980 Kevin Hobbs Chief Executive