CIDHEACHAN AGUS CALAIDHEAN
Tha sealbh aig CMAL air toglaichean is eile aig cidheachan agus calaidhean tro Alba gu lèir, agus cuideachd air na h-aiseagan a tha Aiseagan ChalMac a’ cleachdadh air feadh Chluaidh agus ann an Innse Gall. ’S iad CMAL cuideachd Ùghdarras Reachdail nan Calaichean ann an 13 àite, a bharrachd air a bhith a’ gabhail sealbh air goireasan aig 24 port, no ’gan gabhail air mhàl. Tha cìsean ’gan cur air luchd-cleachdaidh ach an tèid againn air na goireasan a chumail suas agus a leasachadh. Tha na cìsean sin air am pàigheadh tro Chìsean Caladh agus tha sinn aig a' cheart àm 'gam measadh an coimeas ri goireasan puirt dhen aon sheòrsa.
Mar Ùghdarras Reachdail Cala, tha raon farsainn de dh’uallach a’ tighinn oirnn aig gach àite, agus nam measg tha Breadhaig, Colbhsaigh, An Leargaidh Ghallda, An t-Òban, An Tairbeart agus Bh na h-Uamha. A-measg gach uallach a th’oirnn, tha dleastanas a bhith a’ caomhnadh agus a’ làimhseachadh a’ phuirt gu sàbhailte, agus dleastanas cùram an aghaidh call sam bith. Tha an dleastanas airson dèanamh cinnteach gu bheil obair mara sàbhailte air a chothromachadh le cumhachd farsainn agus mionaideach a bheir dhan Ùghdarras an cuid dleastanas a choileanadh.
Buail AN SEO airson liost de na h-àiteachan far a bheil CMAL nan Ùghdarras Caladh, no far a bheileas air tagradh a dhèanamh an t-uallach a ghabhail.
Buail AN SEO airson an fhiosrachaidh gu h-iomlan mu na h-àiteachan far a bheil sinn ag obair.
Tha uallach cuideachd a’ tighinn oirnn airson diofar chalaichean, cidheachan agus goireasan ri làimh aig còrr is 21 àite air feadh Alba, nam measg Àird Rosain, Steòrnabhagh agus Ulapul. Tha e ’na phrìomhachas againn planaichean a chur an-sàs airson prògraman cumail suas agus càraidh, agus cuideachd dòighean obrach agus stiùireadh anns an ùine fhada aig gach làrach.
Tha sinn a’ cur air adhart program ionmhais agus leasachaidhean a chruthaicheas goireasan nas fheàrr aig na h-àiteachan sin agus a bheir an cothrom dhuinn barrachd sheirbhisean aiseig a lìbhrigeadh.
Buail AN SEO airson sùil airson an fhiosrachaidh mun mheasadh a rinneadh air cìsean cidhe agus caladh.
