Airson dreachd Beurla  dhen litir seo, BRÙTH AN SEO




---------------------------------------------------------------------------------------------------------------

Fàilte chun chiad chuairtlitir de 2010, gar cumail suas le na tha a’ tachairt le calaidhean, puirt agus seirbheisean aiseig bi-beò na h-Alba. Anns a’ chiad àite, ar taing chun h-uile duine a dh’fheuch anns an fharpais airson ainm a chur ris a’ bhàta ùr againn air seirbheis Ìle bhon ath bhliadhn’.  Tha ceangal aig Fionnlagan, (Finlaggan), ainm làrach eachdraidheil air an eilean, cuideachd ri eachdraidh Rìghrean Innse Gall. Meala-a-naidheachd gu sònraichte air an dithis a ghlèidh an fharpais agus a bhios a’ tighinn còmhla ruinn a’ cur a’ bhàta ùr air bhog anns a’ Phòlainn nas fhaide air adhart dhen bhliadhna.   Ged a tha cùisean ionmhais gu bhith gu math doirbh dhuinn anns a’ bhliadhna a tha romhainn,  bidh a’ bhliadhna gu math trang airson sgioba CMAL le mòran phròisectean gan toirt air adhart gu sònraichte a thaobh cumail suas, agus tha barrachd fios mun deidhinn sa chuairtlitir seo.

Mar sin, bidh dùbhlain mòra romhainn ach tha sgioba CMAL a’ cumail orra gu daingeann nan oidhirp a bhith a’ cur air adhart agus a’ dìon suidheachadh nan aiseagan, na puirt na calaidhean agus na coimhearsnachdan a tha sinn a’ frithealadh.

An dòchas gum bi 2010 soirbheachail dhuibh uile,



Guy Platten, Managing Director, CMAL
----------------------------------------------------------------------------------------------------------------

Fionnlagan

Sin agaibh e, gu foirmeil!  ′S e Finlaggan agus Fionnlagan an dà ainm a bhios air a’ chiad bhàta-aiseig ùr air slighe Ìle ann an 37 bliadhna. Chuir faisg air 900 neach beachd thugainn mun ainm agus bha barrachd air 70% dhiù sin a’ cur taic ris an ainm seo.  Agus ′se fìor dheagh naidheachd a bha sin do Alison Bell à Inbhir Nis, a’ chiad ainm a chaidh a thaghadh anns a’ chrannchur, agus b’e sin mar thachair an uairsin le Mairi NicRath a Port Ilidh an Ìle. Tha an dithis a nis gu bhith air aoigheachd againn aig gàradh Remontowa ann an Gdansk, anns a’ Phòlainn as t-samhradh nuair a thèid am bàta ùr a cur air bhog. Thuirt Cathraiche CMAL Grenville MacIain:  “ ′S e fìor dheagh ainm a tha seo do shàr bhàta, air a thaghadh le muinntir na h-Alba. Tha fiughar again ri cuirm a’ bhàta ùr ga cur air bhog agus fàilte a chur oirre nuair a thig i a dh’Ìle ann an 2011, a’ cur gu mòr ri ar cabhlach.”

---------------------------------------------------------------------------------------------------------------

Naidheachdan mu Chalaidhean



Tha sgioba nan Calaidhean agus nan Cidheachan air a bhith ag adhartachadh grunn phròiseactan leasachaidh tron lìonradh.  Chaidh crìoch a chur air balla ùr dhan chidhe aig Port Ilidh, a tha air a chleachdadh le iasgairean na sgìre, taobh staigh a’ chlàir-ama agus cosgaisean tràth anns a’ bhliadhn’ ùir agus tha e ga chur gu feum mar tha.

Thèid alt-aisegean an Òbain agus Port Ilidh ùrachadh anns a’ Ghearran agus anns a’ Mhàrt am bliadhna, agus thèid an aon obair a dhèanamh aig Bàgh a’ Chaisteil, Loch Bàghasdal agus air an Tairbeart anns na Hearadh as t-samhradh, gum maill a chur air na seirbhisean.  Chaidh crìoch a chur air an obair aig Armadal, Malaig agus Colbhsaigh anns an Dùbhlachd 2009 agus tha obair an dàn an Tioradh agus an Colla anns an Earrach am bliadhna. Thèid leasachaidh do luchd-cleachdaidh eile air adhart an Colbhsaigh aig a’ chidhe as t-Earrach, seach gun do shoirbhich le uidheamachd a chaidh a chur an sàs an uiridh.  Tha tuilleadh leasachaidhean anns an amharc anns an Òban, aig Armadal, air an Tairbeart anns na Hearadh agus aig Cille Chòmhainn agus thèid iad sin uile adhartachadh thar nam mìosan a tha romhainn. Thèid làmh a chur ri cùmhnant aig a’ chidhe aig Tràigh a’ Chaisteil air Eilean Arainn am beagan sheachdainnean agus cuidichidh an neartachadh a thèid a dhèanamh air roinnean dhen ghoireas le bhith a’ sìneadh seasmhachd a’ chidhe mar a thathas a’ gluasad gu dealbhachadh a chur air dòigh airson toglaichean airson an ùine-fhada.

----------------------------------------------------------------------------------------------------------

Bàtaichean



Chaidh dà  sgrùdadh a dhèanamh air gach bàta anns a’ chabhlach aig CMAL an uiridh, agus tha sinn a nis a’ coimhead ris a’ chiad chuairt de sgrùdaidhean airson 2010.  Ged a tha CFL a tha ag oibreachdh nam bàtaichean leis an uallach airson an cumail suas agus an càradh fhad sa tha iad fo chùmhnant aca, tha program sgrùdaidh CMAL a’ ciallachadh gun tèid an rannsachadh dà thuras gach bliadhna – aon uair nuair a tha iad aig muir, agus nuair a tha iad san doc.  Thar na bliadhna romhainn bidh sgioba na Bàtaichean a’ dèanamh tuilleadh obair air dealbhachd bhàtaichean ann an dòighean a dh’fhaodadh a bhith nas èifeachdach dhan àrainneachd, a’ cleachdadh cumhachdan ùra. Mar a tha an obair a’ leantainn air bàta Ìle anns a’ Phòlann, tha an sgioba anns an oifis a’ rannsachadh dhòighean air raon de sheòrsaichean bhàtaichean a dhealbh air diofar slighean a’ cleachdadh leithid Gas Nàdarra air Uisgeachadh, a tha a’ lughdachadh CO2, sulphur dioxide agus cur a-mach eile a tha millteach. Fo phrogram a’ Chairt Uaine, bidh sia bàtaichean aiseig eile a’ faighinn teisteanas thar na bliadhna a tha romhainn. Tha an sgeama ga chuartachadh air na bàtaichean againn gu lèir thar còig bliadhna.

---------------------------------------------------------------------------------------------------------------

Pròiseact nan Aiseagan Beaga

Tha dol gu math le Pròiseact nan Aiseagan Beaga agus tha sinn a’ cur romhainn coinneachadh ri coimhearsnachdan agus buidhnean anns a’ ghnìomhachas le ùidh sna cùisean seo air na sia mìosan romhainn. Tha sinn cuideachd a’ cumail oirnn le bhith a’ dealbhachadh sreath ùr de bhàtaichean  mar “Aiseagan bi-beò” a bhios a’ gabhail a-staigh ìre nas èifeachdaiche de dhealbhachd mu choinneamh modhan-obrach aiseagan an latha an diugh, ach cuideachd a’ cur am feum innleachdan a bheir dhuinn an comas a bhith sùbailte ach an tèid againn air feumalachdan gach eilean a fhrithealadh gu cothromach. An dèidh mar a shoirbhich le as co-labhairt aon latha anns a’ Bhruiseil, tha sinn ro-thoilichte a nis a bhith nar pàirt de Làtha Mara an EU air Cèitean 20. Tha an Latha seo a’ comharrachadh cho cudromach agus a tha a’ mhuir agus na cuaintean mòra do mhac an duine nam beatha làitheil, an dà chuid ann an sgìrean iomallach agus cuideachd thar na Roinn Eòrpa gu lèir. Bidh an latha cuideachd a’ tarraing aire gu na cothroman agus na dùbhlain  a tha an dràsta mu choinneamh sgìrean mara na Roinn Eòpra agus gnìomhachasan eile leithid turasachd agus iasgach, còmhdhail mara agus atharrachaidhean anns an t-sìde. Ma tha sibh airson a bhith a’ faotainn e-cuairtlitir Pròiseact nan Aiseagan Beaga , buail AN SEO.  

---------------------------------------------------------------------------------------------------------------

Air an Rathad

Bidh sgioba CMAL air an rathad a’ coinneachadh ri coimhearsnachdan anns na mìosan romhainn. Agus bidh sinn cuideachd a’ frithealadh dà cho-labhairt mun ghnìomhchas.  Bidh Guy Platten a’ lìbhrigeadh òraid aig Co-labhairt OnBoard 10 ann an Nirribhidh anns a’ Ghiblean agus roimhe sin bidh Stiùiriche nan Calaidhean agus nan Cidheachan Lorna Spencer ann an Lunnainn anns a’ Mhàrt airson Co-labhairt Àrd Mharaichean Calaidhean Bhreatainn.

---------------------------------------------------------------------------------------------------------------

AIRSON LETH-BHREAC DHEN E-CUAIRTLITIR

Ma tha sibh eòlach air neach sam bith a bhiodh airson leth-bhreacan dhen chuairtlitir seo fhaighinn, ach nach do chuir thugainn seòladh fhathast, faodaibh sibh an stiùireadh gu  làrach-lìn CMAL aig www.cmassets.co.uk  

 

---------------------------------------------------------------------------------------------------------------

Tha a’ chuairtlitir seo cuideachd ri fhaighinn am Beurla: buail AN SEO

Airson na naidheachdan as ùire bho CMAL thoireabh sùil air ww.cmassets.co.uk