Fàilte

’S ann le Stòras Mara Chaledonia Earranta a tha na h-aiseagan, puirt agus calaichean agus goireasan eile a tha fìor dheatamach airson seirbhisean aiseig taobh an Iar na h-Alba agus Beul Chluaidh a fhrithealadh.

Tha sealbh aig Riaghaltas na h-Alba air a’ chompanaidh gu lèir agus ’s ann le Ministearan na h-Alba a tha ar cuid earrannan gu lèir.

’Se amas CMAL, a bhith a’ tairgse aiseagan a tha èifeachdach agus a’ buinnig luach an airgid, le cidheachan agus calaichean dhan rèir airson oibrichean, coimhearsnachdan agus luchd-cleachdaidh air feadh Alba.

Bidh sinn cuideachd:

• A’ cumail suas, a’ leasachadh agus a’ cur ri ar stòras leithid bhàtaichean, talamh agus toglaichean timcheall air ar cidheachan agus calaichean

• A’ sireadh tuilleadh ionmhais airson ar aiseagan agus goireasan chalaichean a leasachadh, feuch an toir sinn piseach air suidheachdh dhaoine is luchd-malairt a tha a’ cleachdadh nan seirbhisean aiseig.

• Ag obair còmhla ri ar luchd-taic taobh-staigh Alba agus saoghal farsainn na mara, tha e nar amas a bhith aithnichte mar shàr bhuidhinn lìbhrigidh aiseagan agus goireasan puirt a tha èifeachdach agus ùr-nò chum maith gach coimearsnachd a tha sinn a’ frithealadh.

Ar sgìre-obrach

Choose a location

ISO9001