Cisean Caladh

Bho Ghiblean 1 2009, tha dòigh ùr ann airson a bhith a’ pàigheadh cìsean cidhe agus caladh aig an h-ionadan air a bheil sealbh aig CMAL air taobh an iar na h-Alba.

Chaidh an siostam ùr a chur an-sàs an dèidh measadh farsainn air na modhan-obrach a chaidh a ghabhail a-null le CMAL, a dhèanamh cinnteach gu robh an suidheachadh cothromach agus fosgailte dhan h-uile duine, agus cunbhalach air feadh an lìonraidh.

Tha na cìsean a tha ’gan tionnal air an cur gu feum a’ cur ri leasachaidhean agus cumail suas nan goireasan caladh air a bheil sealbh aig CMAL air feadh Alba.

Chan eil gnothach aig na cìsean ùra agus cosgaisean seo ri seirbhisean agus luchd-cleachdaidh ChalMac, ach a-mhàin ri buidhnean eile a tha a’ cleachdadh nan goireasan.

Tha grunn thiceadan ràithe a-nis rim faighinn air loidhne a tha a’ freagairt air bàtaichean iasgaich agus bàtaichean son cur-seachad.

A-measg nan cead-siubhail tha cead-laighe bliadhna do bhàtaichean iasgaich, no roghainn de thiceadan ràithe, son an dà chuid bàtaichean iasgaich is cur seachad, a tha a’ gabhail a-staigh cìsean tadhail, cìsean criutha agus luchd-cleachdaidh, cìsean èisg agus cìsean uisge.

Tha ticeadan bliadhnail sam bith a chaidh a cheannach bho Fhaoilleach 1 2009 fhathast freagarrach gu Màrt 31 airson an t-siotaim ùr a thoirt a-steach.

Faodar fhathast cìsean a phàigheadh gach turas agus aig gach port fa-leth.

An dèidh na cìsean a phàigheadh (air loidhne no tro dhòigh sam bith eile) thèid ticead meud cairt creideis a chur a-mach tron phost, le ainm agus fiosrachadh mun bhàta, agus an seòrsa ticead is ùine a tha ’na luib. Bu chòir dhuibh sin a shealltainn ’nuair a ruigeas sibh goireas sam bith le CMAL. Tha na ticeadean airson gach bàta air an ainmeachadh  fa-leth agus chan fhaodar an cleachdadh le bàtaichean eile.

ISO9001