AISEAGAN

A bharrachd air an aiseag ùr a tha ’ga togail anns a' Phòlainn, a bhios a’ frithealadh Ìle bho thìr-mòr bho 2011, tha 31 aiseag aig CMAL.

Bheir gach aiseag a tha sin, a tha gan obrachadh le Aiseagan ChalMac (CFL) agus Aiseagan Reachlainn agus Aiseagan Chòmhdhail air slighean gu na h-eileanan agus sgìrean eile air taobh an Iar na h-Alba, leatha eadar 5 is 123 carbad. Tha luach £83 millean anns a’ chabhlach gu lèir.

Chaidh gach aiseag a thogail a dh’aona-ghnothach airson na puirt a tha iad a’ frithealadh. Tha iad goireasach anns a h-uile dòigh le gach uidheamachd airson sàbhailteachd agus comhfhurtachd an luchd-cleachdaidh. Gabhaidh iad cleachdadh ann an grunn shuidheachaidhean, a’ frithealadh diofar slighean.

’S i MV Iùpadar am bàta as sinne anns a’ chabhlach. Chaidh a togail ann an 1973 le James Lamont Earranta ann am Port Ghlaschu, agus thòisich i air an t-slighe eadar Guireag agus Dun Omhainn anns a’ Mhàrt 1974. Thog an aon chompanaidh dà bhàt-aiseig eile a chaidh a chur air bhog ann an 1974 – MV Iùno agus MV Cannaigh.

’S i MV Eilean Leòdhais am bàta as motha. Chaidh a togail an gàradh Fergusons ann am Port Ghlaschu ann an 1995. Tha MV Eilean Leòdhais a’ frithealadh an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul agus bheir i leatha 123 càr agus 970 luchd-siubhail.

’S i MV Loch Siora am bàta as ùire anns a’ chabhlach. Chaidh a cur air bhog bho ghàradh Fergusons ann am Port Ghlaschu ann an 2007 a fhrithealadh Eilean Chumraigh bhon Leargaidh Ghallda.

Ann an 2007 cuideachd, dhearbh CMAL gum biodh aiseag ùr ’ga togail do dh’Aiseagan ChalMac (CFL) airson seirbhisean a dh’Ìle bho thìr-mòr.

Tha bàta ùr 89.90m a dh’fhaid ’ga togail ann an gàradh Remontowa ann an Gdansk agus bheir i leatha carbadan agus luchd-siubhail. Tha dùil rithe anns an Earrach 2011. Cosgaidh am bàta ùr £24.5 millean uile gu lèir a toirt air an t-slighe.

Tha e an rùn CMAL nach bi gin de na bàtaichean nas sinne na 30 bliadhna

Buail air ainm bàta sam bith air an làimh cheart agus gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh mu gach bàta

ISO9001