Corporra

 

CMAL Phlana Gàidhlig

Tha SMCE air leth toilichte innse gu bheil Bòrd na Gàidhlig air aontachadh ris a' phlana Gàidhlig againn, a' leantainn bho molaidhean ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

Is e sinne aon de na chiad companaidhean a tha air aontachadh fhaighinn airson ar plana, agus tha sinn a' cuir romhainn inbhe na Gàidhlig àrdachadh agus cleachdadh na cànain a bhrosnachadh le bhidh ga cuir aig teas mheadhain ar dreuchd agus ar conaltradh.

Gheibhar am plana air fad an seo.(PDF, 0.8MB)

 

2009 Annual Report

 

The CMAl 2009 Annual report is now available to view online. We have produced two electronic versions all of which can be accessed below.

Full colour PDF - Click HERE to view and download (12.8mb)

Black & white PDF text only version - Click HERE to view and download (652kb)

Full colour 'Flash book' - Please note you will need the latest version of Flash Player to view this. Click HERE to view. (pop-up)

The CMAL MS/FM has now been published on the Scottish Government website. Click HERE to view it.

Dh'fhoillsich CMAL ro-innleachd airson na bliadhnaichean air thoiseach anns a' Phlana Corporra airson 2009-12 agus ann am Plana Ro-innleachdail 10 bliadhna airson 2009-19.

Buail AN SEO airson a' Phlana Corporra trì bliadhna 2009-12. (PDF 413kb)

Buail AN SEO airson a' Phlana Roinnlerachdail 10 bliadhna 2009-19. (PDF 745kb)

Athaisg Bhliadhnail agus Cunntasan airson an tarraing (PDF 1.3mb)

Tha an Athaisg Bhliadhnail a’ gabhail a-staigh Athaisg nan Stiùirichean agus cunntasan ionmhais.

Fo lagh chompanaidhean, feumaidh stiùirichean cunntasan a dheasachadh airson gach bliadhna ionmhais fa-leth a tha a’ mìneachadh gu fìrinneach agus cothromach stait a’ Chompanaidh agus na tha de phrothaid is call air a dhèanamh airson gach bliadhna.

Ann a bhith a' deasachadh nan cunntasan sin, feumaidh stiùirichean:

• Poileasaidhean cunntasachd a tha freagarrach a thaghadh agus a chur an-sàs gu cunbhallach;
• Breithneachadh agus amasan a chur an gnìomh a tha reusanta agus ciallach;
• Innse an deach tomhasan cunntasachd iomchaidh a chur an-sàs, a’ gabhail a-staigh fiaradh cudromach sam bith a th’air a mhìneachadh anns na cunntasan; agus
• Cunntasan a dheasachadh mar bhuidhinn a’ dol air adhart mur eil e no-iomchaidh a bhith a’ gabhail ris gun lean a’ chompanaidh mar bhuidhinn-malairt.

Tha uallach air na Stiùirichean airson a bhith a’cumail aithris air cunntasan a tha a’ mìneachadh gu mionaideach agus reusanta staid ionmhais a’ chompanaidh aig àm sam bith ach an tèid aca dèanamh cinnteach gu bheil na cunntasan a-rèir Achd na Companaidhean, 1985. Tha dleastanas orra anns an fharsainneachd ceum sam bith a ghabhail a tha freagarrach airson stòras a’ chompanaidh a dhìon agus a bhith cùramach nach tèid a’ chompanaidh a bhrath le foill no gnothach no-iomchaidh sam bith eile.

Measadh STAG; Steòrnabhagh - Ulapul

Buail AN SEO airson an aithris iùil (PDF 374k)

Sgeama Foillseachaidh
Buail AN SEO airson an sgeama fhaicinn (PDF 46k)

Uallach airson an Sgeama Foillseachaidh

’S ann air an neach a leanas a tha an t-uallach anns an fharsainneachd airson a bhith a’ cumail suas an sgeama seo gu làitheil:

Lorna Spencer
Oifigeach Saorsa Fiosrachaidh
Stòras Mara Chaledonia
Toglaichean na Comhairle
Sràid Fore
Port Ghlaschu
PA14 5EQ

Saorsa Fiosrachaidh (Alba) Achd 2002

Mar chompanaidh a tha fo shealbh Mhinistirean na h-Alba, tha Stòras Mhara Chaledonia (CMAL) air a mheas mar ùghdarras poblach fo Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002

Bho 1 Faoilleach 2005, tha làn chead aig a’ mhòr shluagh fiosrachadh sam bith a th’air a chumail le CMAL, ach cuid de rudan a th’air an comharrachadh, iarraidh le sgrìobhadh.

Tha cuid de ghnothaichean a tha CMAL a’ foillseachadh gu cunbhallach, agus tha iad air an comharrachadh anns an Sgeama Foillseachaidh.

Seo mar nì sibh iarrtas:

Feumar iarrtas sam bith airson fiosrachadh nach eil air a chomharrachadh anns an Sgeama Foillseachaidh a dhèanamh ann an sgrìobhadh, a’ mìneachadh de tha a dhìth, le seòladh airson freagairt. Tha e ceadaichte seo a dhèanamh tro phost-dealain no facs.

Post-d: info@cmassets.co.uk

Facs: 01475 745109

Bu chòir iarrtas san bith airson fiosrachaidh a chomharrachadh mar seo : “Airson aire an Oifigich Corporra airson Saorsa Fiosrachaidh."

Thèid dèiligeadh ri iarrtas sam bith cho luath ’sa ghabhhas agus taobh-staigh clàir-ama Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002.

Ma tha cìs ri phàigheadh, thèid fios a chur thugaibh ro-làimh, seach gu feumar a’ chìs sin a phàigheadh mas tèid a’ cheist a fhreagairt.

Chaidh Cunntasan Bhliadhnail Stòras Mara Chaledonia Earranta a chur chun na Pàrlamaid air 27 Samhain, agus tha iad rim faotainn bhon Chompanaidh

Buail AN SEO airson Athaisg Bhliadhnail 06-7 fhaicinn

ISO9001