CÒ SINN
Roimhe seo, ’s iad Caledonian Mac a’ Bhriuthainn Earranta a bha a’ frithealadh a’ mhòr-chuid de sheirbhisean aiseig Chluaidh is Innse Gall, agus ’s ann leotha a bha na bàtaichean agus cuid de na goireasan puirt. ’S ann le Ministirean na h-Alba a bha a’ chompanaidh gu lèir agus bha Riaghaltas na h-Alba a’ cumail taic airgid ri na seirbhisean aiseig bi-beò gach bliadhna.
Ach an tigeadh an taic sin son na seirbhisean a-steach fo stiùir na h-Èòrpa air Taic Stàite, chaidh aontachadh gum bu chòir tairgse fosgailte, poblach a chur air adhart. Chuir an Riaghaltas a bh’ann aig an àm Seirbhisean Chluaidh is Innse Gall (CHFS) a-mach gu tairgse ann an aon chnap, ach a-mhàin an t-seirbheis eadar Guireag agus Dun Omhainn.
A’ gabhail ri suidheachadh fìor àraid a’ chabhlaich, agus gus gum biodh cothrom na Fèinne aig gach tairgsiche, air 1 Dàmhair 2006 chaidh Caledonian Mac a’ Bhriuthainn Earranta a sgaradh an dà leth:
• Companaidh le sealbh air an stòras, Stòras Mara Chaledonia Earranta (CMAL).
• Agus companaidh oibriche ùr, Aiseagan ChalMac Earranta (CFL).
Chaidh seo a chur air adhart le Caledonian Mac a’ Bhriuthainn Earranta a’ gluasad an cuid obrach – ach a-mhàin an cuid stòrais – gu CFL.
• ’S ann le Caledonian Mac a’ Bhriuthainn Earranta, agus a-nis CMAL, a tha na bàtaichean gu lèir fhathast agus gach stòras air tìr (puirt, calaichean is eile) agus tha CMAL ’gan tairgse do oibrichean tro iomairt thagraidhean fosgailte.
• Ghlèidh Aiseagan ChalMac Earranta (CFL) a’ chùmhnant airson na seirbhisean a lìbhrigeadh airson 6 bliadhna bho 1 Dàmhair 2007, an dèidh an fharpais tairgse a bhuinnig. Fon chùmhnant, feumaidh CFL na bàtaichean aig CMAL a chleachdadh.
’S ann leis a’ mhòr-shluagh a tha Stòras Mara Chaledonia, cleas Aiseagan ChalMac Earranta, agus ’s ann le Ministirean na h-Alba a-mhàin a tha na h-earannan. Tha Bòrd Stiùiridh CMAL air buidheann stiùiridh agus luchd-obrach fhasdadh aig na prìomh oifisean aca ann am Port Ghlaschu.
